|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Naidheachdan 1100 10mh am Faoilleach 2012
|
||||||||||||||||||||||
|
Referendum Tha e coltach gun toir Rùnaire na h-Alba, Micheal Moore, cothrom do Riaghaltas na h-Alba air cead-laghail airson referendum air neo-eisimeileachd. Bruidhnidh Mgr Moore ri Taigh nan Cumantan feasgar. Bidh cùmhnantan ann ge-tà gur e aon cheist a bhios anns a' bhòt, fo stiùir Choimisean an Taghaidh, agus gur e ochd bliadhna deug an aois as òige aig am faod duine bhòtadh. Tha an SNP a' fàgail air Riaghaltas Westminster gu bheil iad a' gabhail cus gnothach ri riaghailtean an referendum. Rèile Chuir Riaghaltas na Rioghachd Aonaichte taic ris a' phlana airson seirbheis-rèile luath eadar Lunnain agus Birmingham. Chosgadh sin £17b agus ghearradh e an ùine-siubhail eadar an dà bhaile gu 50 mionaid. Tha plana ann an loidhne a leudachadh an-dèidh sin gu Manchester agus Leeds agus 's dòcha, Alba. Tha luchd-iomairt a' gearain gum mill an loidhne ùr cuid de na sgìrean as boidhche ann an Sasainn. WJ Harte Tha dragh ann mu 700 cosnadh aig companaidh-einnsiniridh Albannach. Tha na h-aonaidhean ciùird den bheachd gu bheil WJ Harte, a tha stèidhichte ann am Bothwell ann an Siorrachd Lannraig, ag ullachadh airson a dhol gu rianachd. Cha chanadh a' chompanaidh dad ach gum bi aithris aca air an t-suidheachadh uaireigin an-diugh fhathast. Siria Thuirt Ceann-suidhe Siria, Bashar al Assad, gur e cuilbheairt eadar-nàiseanta a tha a' feuchainn ri tàire a dhèanamh air Siria as coireach ris an àimhreit anns an dùthaich. Thuirt e gun robh na thachair anns na deich mìosan mu dheireadh fìor dhona agus deuchainneaneach dhan dùthaich. Tha an UN ag ràdh gun deach còrr 's 5000 sìobhaltach a mharbhadh bhon a thòisich aramach an aghaidh an riaghaltais ann an Siria sa Mhàirt an-uiridh. Africa a Deas Chaidh aon duine a mharbhadh agus dithis a dhroch leòn nuair a chaidh am pronnadh aig cruinneachadh sluaigh ann an Johannesburg ann an Africa a Deas. Chruinnich an sluagh aig geatachan Oilthigh Johannesburg sa mhadainn an-diugh agus an oilthigh air gealltanas, a-rèir 's nan deuchainnean sgoile aca, a thoirt do 17000 oileanach mu choinneimh 10000 àite. Ach chruinnich na mìltean a bharrachd an-dè agus an-diugh agus iad an dòchas àite fhaighinn san oilthigh aig a' mhionaid mu dheireadh. Stròm Tha e coltach gum faodadh seach-rathad an t-Sròim eadar Loch Carron agus an Caol a bhith dùinte airson mìosan fhathast. Chaidh an rathad a dhùnadh ron Nollaig an dèidh do chreag tuiteam bho os chionn. Feumaidh sgoilearan bho thaobh thall an loch bus agus an trèan a ghabhail a dh' Àrd-sgoil a' Phluic an t-seachdain seo agus tòisichidh seirbheis-aiseig air an t-slighe an ath-sheachdain. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad an dòchas aiseag chàraichean Ghleann Eilg a chur air an t-slighe sin. Spòrs Tha Scott Allan aig Dundee United a' gluasad dhan Phrìomh Lìog ann an Sasainn còmhla ri West Bromwich Albion. Bidh tuilleadh chòmhraidhean aig Mark Hughes agus Queens Park Rangers an-diugh agus Hughes ag ràdh nach do cho-dhùin e fhathast an gabh e dreuchd a' mhanaidsear aig Loftus Road. Agus bha an golfair Albannach, Màrtainn Laird, san darna àite sa chiad fharpais de thurus PGA nan Stàitean Aonaichte air an t-seasan seo, ann an Hawaii. Bha Laird trì strocan air dheireadh air an Americanach, Steve Stricker, a bhuannaich an fharpais aig -23. |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Naidheachdan 1100 09mh am Faoilleach 201209 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Naidheachdan 11:00m 06mh am Faoilleach 201206 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Naidheachdan 10:00m 05mh am Faoilleach 201205 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 04mh am Faoilleach 201204 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||