BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 09 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 11:53 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Naidheachdan 1100 09mh am Faoilleach 2012
 

Referendum

Tha caibineat Riaghaltas na Rioghachd Aonaichte a' coinneachadh an-drasta agus iad a' deasbad mholaidhean a bheireadh cead do Riaghaltas na h-Alba air referendum a chumail air neo-eisimeileachd. Ach tha coltas ann gum biodh cùmhnantan na chois le taghadh eadar fuireach san aonadh neo fàgail agus gum feumadh cuideachd bhòt a bhith ann an taobh a-staigh bliadhna gu leth. Tha an SNP a' fàgail air Riaghaltas Westminster gu bheil iad a' gabhail gnothaich ri cuspair a bu chòir a bhith fo smachd Phàrlamaid na h-Alba.

Eurozone

Bidh Ceann-suidhe na Frainge, Nicolas Sarkozy, ann am Berlin an-diugh airson còmhraidhean ri Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, mu eiginn agus fiachan an Eurozone. Tha dùil gum bruidhinn iad cuideachd air molaidhean connspaideach airson cìs air gluasad airgid.

Seirbheis Charbadan Eiridinn na h-Alba

Bidh tuilleadh chòmhraidhean ann an-diugh san deasbad eadar luchd-obrach agus ceannardan Sheirbheis Charbadan Eiridinn na h-Alba. Dhiùlt luchd-obrach an t-seachdain seo chaidh molaidhean a bhiodh air airgead a thoirt dhaibh mu choinneimh iad a bhith a' dol a-mach gu gairm-eiginn nuair a bhiodh iad aig fois air neo aig biadh.

Comhairle nan Eilean Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' tòiseachadh an t-seachdain seo air an darna sreath de choinneimhean poblach mu ghearraidhean ann am buidseat na comhairle. Tha an t-ughdarras ionadail ag amas air còrr 's £2m de ghearraidhean a chur an-sàs air an ath-bhliadhna ionmhais agus sàbhalaidhean eile de £1m. Bidh co-dhùnadh ann air na gearraidhean sin air an ath-mhìos.

Leveson

Tha Kelvin MacCoinnich, a bha na dheasaiche air a' phàipear-naidheachd, an Sun, a' toirt fianais an-diugh do rannsachadh Leveson air dòighean obrach nam meadhanan-naidheachd. Tha an rannsachadh a' tòiseacadh às ùr an-diugh agus thèid fianais a ghabhail an t-seachdain seo bho sheachdnar dheasaiche air pàipearan-naidheachd.

Stròm

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad an dòchas dà sheirbheis-aiseig a chur air dòigh meadhan na seachdaine aig an t-Sròm agus an rathad an sin air a bhith dùinte ro àm na Nollaig. Tha e coltach gum bi an rathad eadar Loch Carrann agus an Caol dùinte airson ùine fhathast. Tha a' chomhairle cuideachd a' toirt sgoilearan na sgìre gu Ard-Sgoil a' Phluic air bus agus trèan.

Ìle

Tha dragh ann an Ìle mu shuidheachadh dotairean teaghlaich an eilein agus aithrisean ann gum faodadh an àireamh dhotairean a ghearradh bho shia gu ceithear. Tha dragh ann cuideachd mu ionad an dotair anns a' Bhogha Mhòr agus òrdugh cùirteach ag ràdh gu feum an NHS an togalach sin fhàgail aig deireadh na mìos seo. Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil airgead aca airson sianar dhotairean ann an Ìle.

Spòrs

Chaidh Andaidh Moireach ainmeachadh mar a' cheathramh seed son farpais fhosgailte Astralia, a tha a' tòiseachadh an ath-sheachdain. 'S e Novak Djokovic, a tha a' dìon an tiotail, am prìomh seed, Rafael Nadal san darna àite agus Roger Federer san treas àite.

Bidh taghadh ann feasgar an-diugh aig Hampden son a' chòigeamh chuairt de Chupa Ball-Coise na h-Alba.

Ann an Sasainn tha Queen's Park Rangers a' coimhead airson manaidsear ùr an dèidh do Neil Warnock a dhreuchd a chall. Tha aithrisean ann aig an ìre seo gu bheil iad a' coimhead air Mark Hughes, a bha aig aon àm na mhanaidsear air Fulham agus cuideachd air Manchester City.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Naidheachdan 11:00m 06mh am Faoilleach 2012
06 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Naidheachdan 10:00m 05mh am Faoilleach 2012
05 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 04mh am Faoilleach 2012
04 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 03mh am Faoilleach 2012
03 Am Faoilleach, 2012 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy