BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 05 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 10:36 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Caochladh mholaidhean son Rathad an t-Sròim
 
Caolas an t-Sròim (Dealbh: Undiscovered Scotland)
Coinnichidh comhairlichean mun ghnothach Diardaoin
Coinnichidh comhairlichean air Ghàidhealtachd Diardaoin airson beachdachadh air na ghabhas dèanamh mu staid Rathaid an t-Sròim (A890) air taobh siar Rois.

Tha an rathad air a bhith dùinte bho bha maoim-slèibhe ann goirid ron Nollaig.

Ged a chaidh còrr is 200 tunna de chloich is de sprùilleach a thogail às an rathad, tha dragh ann fhathast gun tuit tuilleadh a-nuas far na beinne os a chionn.

Tha sin a' fàgail gum feum daoine san sgìre 150 mìle a bharrachd a dhràibheadh, seach 20 mìle eadar Loch Carann agus Caol Loch Aillse.

An Trèana

Tha caochladh mholaidhean gan cur air adhart airson dèiligeadh ris an trioblaid.

Nam measg, tha rathad ùr a thogail, cabhsair a chur ann an Loch Carann, agus tunail a tha a' dìon pàirt den rathad agus den rèile bho mhaoimean-slèibhe a leudachadh.

Chaidh an rathad a thogail air taobh a deas Loch Carann cha-mhòr 40 bliadhna air ais, agus aig an àm bha mòran ag ràdh nach fhada a sheasadh e.

Bha dragh ann mu cho briste 's a tha a' chlach anns an sgìre, agus an rathad air a thogail tarsainn bruthaichean casa an loch.

"Chuir iad, mar a chanas iad "avalanche shelter" air an rèile agus air an rathad bho chionn grunn math de bhliadhnaichean," thuirt an t-Urr. Ailean MacArtair, a tha a' fuireach san sgìre.

"Dh'fhaodadh iad sin a dhèanamh a-rithist, pìos a chur ris.

"Air neo pìosan a chur ann far a bheil trioblaid gu math cunnartach ann.

 Tha clann a' falbh dhan sgoil sa Phloc, 's tha feadhainn an seo a tha ag obair anns a' Chaol, agus timcheall air a' Chaol, 's tha muinntir thall ann an sin ag obair an seo cuideachd.
 
An t-Urr. Ailean MacArtair

"Chan eil mi a' smaoineachadh gum biodh e cho cosgail dhaibh ri rathad ùr a dhèanamh, no eadhon drochaid - tha sin a' ciallachadh rathad ùr co-dhiù le drochaid," thuirt e.

Tha cuid, BPA Sgìreil na Gàidhealtachd Rob Gibson nam measg, den bheachd gum bu chòir an aiseag a thoirt air ais tarsainn Caolas an t-Sròim.

Chan eil cinnt ann ge-tà an dèanadh sin a' chùis san ùine fhada.

"Dh'fhaodadh sin gun teagamh sam bith rudeigin a dhèanamh airson greiseig bhig co-dhiù," thuirt an t-Urr. MacArtair.

"Ach a thaobh an aiseig, far a bheil na laimrigean air gach taobh tha iad sin air an leigeil a dhìth, agus chan eil mi a' smaoineachadh gum biodh iad sàbhailte mar a tha iad an-dràsta. Dh'fheumadh iad tòrr obrach a dhèanamh.

"Cuideachd, tha an t-uabhas sa bhaile an-diugh nach eil glè thoilichte le càraichean a' dol sìos an taobh sin. Chan eil an rathad cho math co-dhiù shìos ann an sin.

"Tha e air an t-uabhas airgid a chosg thairis air na bliadhnaichean.

"Nam biodh iad air an rud ceart a dhèanamh aig an fhìor-thoiseach, cha bhiodh e cho cosgail dhaibh an-diugh 's a tha e.

"Tha clann a' falbh dhan sgoil sa Phloc, 's tha feadhainn an seo a tha ag obair anns a' Chaol, agus timcheall air a' Chaol, 's tha muinntir thall ann an sin ag obair an seo cuideachd.

"Tha an trèana a' ruith an-dràsta, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil feadhainn aca a' dol air an trèana.

"Ach tha thu ceangailte an sin ri uairean an trèana.

"Chan eil e glè ghoireasach airson daoine a tha ag iarraidh air ais ann an cabhaig.

"Chleachd a' chlann-sgoile a bhith a' fuireach anns an ostal nam biodh suidheachadh mar seo ann, ach chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil an goireas sin ann an-diugh.

"'S e trioblaid gu math duilich a th' ann," thuirt e.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy