BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 01 An Dùbhlachd, 2011 - Air fhoillseachadh aig 10:32 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Soirbheachas Àrd-Sgoil Gheàrrloch
 
Sgioba Gheàrrloch (Dealbh bho Àrd-Sgoil Gheàrrloch)
Na peathraichean Hulme bho Àrd-Sgoil Gheàrrloch agus na duaisean aca.
Bhuannaich Àrd-Sgoil Gheàrrloch Deasbad BT Alba 2011 ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Rinn sgioba Gheàrrloch - na peathraichean Anna is Ceitidh Alice Hulme - a' chùis air Emily NicFhionghuinn agus Caitlin Nic a' Ghobhainn à Acadamidh Allt a' Mhuillin sa chuairt dheireannaich.

Chaidh duais sàr neach-deasbaid na farpais gu Anna Hulme cuideachd.

Thuirt Ceannard Àrd-Sgoil Gheàrrloch, Iain Port, gun robh iad air an dòigh le soirbheachas nan nighean.

Comharra

Tha Mgr Port ag ràdh cuideachd gur e comharra a th'ann air an obair mhath a ga dèanamh ann an Roinn na Gàidhlig san sgoil.

'S ann air a' chuspair 'Tha thìde aig Alba ìomhaigh ùr a shireadh an àite seann eachdraidh, pìobaireachd agus tartain' a bha na sgiobaidhean a' deasbad sa chuairt dheireannaich.

Rinn Cathraiche Comataidh Stiùiridh Deasbad BT Alba, Calum Iain MacLeòid, moladh mòr air ìre an deasbaid.

"Sonraichte"

"Bha farpais againn a bha sònraichte.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil a h-uile duine a bha an làthair, agus an fheadhainn a bha ag èisdeachd air Radio nan Gàidheal, gun aontaicheadh iad gur e sin an deasbad a b'fhèarr a bh'againn", thuirt e.

Thuirt Mgr MacLeòid gun robh na sgiobaidhean rim moladh an dà chuid son na sgilean deasbaid aca agus ìre an cuid Ghàidhlig.

Bha na sgiobaidhean air trèanadh fhaighinn le sgilean deasbaid am bliadhna.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy