http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

23 An t-Samhain, 2011 - Air fhoillseachadh aig 12:23 BST

Naidheachdan 1100 23mh an t-Samhain 2011

Naidheachdan 1100

Leveson

Bheir Ceit agus Gerry McCann fianais seachad an-diugh aig rannsachadh a' Mhorair Leveson air ìrean modh nam meadhanan. Mìnichidh iad mu mar a làimhsich na pàipearan-naidheachd cùis na h-ighne aca, Madeleine, nuair a chaidh a dhìth ann am Portugal. Cuideachd a' toirt fianais an-diugh bidh am fear-lagh, Marc Lewis, a tha a' riochdachadh daoine a dh'fhuiling farchluais fònaichean, agus Sheryl Gascoigne, a b'abhaist a bhith pòsda aig a' chluicheadair ball-coise Pòl Gascoigne.

Luchd-obrach

Dh'fhoillsich an riaghaltas planaichean airson a dhèanamh nas fhasa do ghniomhachasan faighinn cuidhteas do luchd-obrach. Tha ministearan airson a' cho-chomhairle a dh'fheumas companaidhean a dhèanamh mus pàigh iad daoine dheth a ghearradh bho 90 là gu dìreach 30 là. Tha iad cuideachd airson lughdachadh a dhèanamh air na tha do chùisean a tha a' dol gu tribunalan cosnaidh.

Peinnseanan

Chàin Caidreachas Poilis na h-Alba plana an riaghaltais airson atharrachadh a dhèanamh air peinnseanan na roinne poblaich, is iad ag ràdh gu bheil deamocrasaidh ga mhasladh. Tha an caidreachas am measg nan buidhnean as ùire a th'air air cur an aghaidh molaidhean airson àrdachadh de 3.2% a dhèanamh air na tha luchd-obrach na roinne poblaich a' pàigheadh a-steach dha na peinnseanan aca. Ged a tha peinnseanan poilis na h-Alba a' tighinn fo sgeith riaghaltais Holyrood, tha ministearan ag ràdh gu feum iad gabhail ri na riaghailtean ùra a tha a' tighinn bho Westminster air neo gun caill iad na milleanan notaichean ann am maoineachadh.

Locarbaidh

Thèid iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a h-uile oidhirp a dhèanamh fiosrachadh fhaighinn bho riaghaltas ùr Libia mu bomadh Locarbaidh. Iarraidh am Morar Tòraidheach, Morar Shailcirc, air ministearan innse dè an impidh a tha iad a' cur air riaghaltas eadar-amail Libia fianais sam bith a th'aca mun ionnsaigh a thoirt seachad. Thèid a' chùs a thogail ann an Taigh nam Morairean feasgar.

SYHA

Dh'fhoillsich Comunn Òsdailan Òigridh na h-Alba planaichean airson còig òsdailan a dhùnadh, a dhà dhiubh air Ghàidhealtachd. Tha an SYHA airson an òsdail mhòr aca ann an Ardain ri taobh Loch Laomainn a dhùnadh, cuide ri òsdail Chanasabaidh faisg air Taigh Iain Ghròt. Dùinidh trì òsdailan sna Crìochan; ann Am Maol Ros, Kirk Yetholm agus Broadmeadows faisg air Sailcirc.

Rangers

Cha tèid a' chompanaidh leis a bheil Rangers a thoirt gu lagh air casaidean nach deach bile a phàigheadh. Bha a' chompanaidh lagh, Fyfe Ireland, air cùis lagh a thogail, is iad ag ràdh nach d'fhuair iad am pàigheadh airson seirbheisean laghail. Tha e air a thuigsinn gun d'thàinig an dà thaobh gu aonta taobh a-muigh na cùirteach.

Spòrs

Tha Craig Levein anns a' Bhruiseil an-diùgh airson clàr-cluiche aontachadh le na còig dùthchanan eile a bhios a' farpais ri Alba airson àite fhaighinn aig Cuach na Cruinne ann an 2014.

Faodaidh Celtic a' bheàrn eadar iad fhèin agus Rangers a lughdachadh gu seachd puingean a-nochd ma nì iad a' chùis air Dùn Phàrlain aig Parkhead.

Tha manaidsear St Mirren, Danny Lennon, air cùmhnant ur aontachadh leis a' chlub.