http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

03 An t-Samhain, 2011 - Air fhoillseachadh aig 11:54 BST

Naidheachdan 1100 03mh an t-Samhain 2011

Naidheachdan 1100

A' Ghrig

Tha a h-uile coltas ann gu bheil Riaghaltas na Grige gus tuiteam agus sgaradh domhainn ann mu phlana a' Phromh Mhinisteir, George Papandreou, referendum a chumail air an taic-airgid Erpach dhan dthaich. Thuirt ceathrar mhinisteir ann an caibineat na Grige nach eil iad ag iarraidh referendum agus tha a h-uile coltas ann gun tid bht-earbsa a-mireach an aghaidh Mhgr Papandreou.

Agus thuirt an Ceann-suidhe Obama aig toiseach rd-choinneimh an G20 ann an Cannes gur e fuasgladh air trioblaidean ionmhais na h-Erpa an rud as cudromaiche a tha romhpa air an d latha de chmhraidhean.

Grin-creideamh

Tha na ceithear phrtaidhean dbhlain ann am Prlamaid na h-Alba a' cineadh phlanaichean an Riaghaltais airson diligeadh ri grin-creideamh co-cheangailte ri ball-coise. Tha na prtaidhean eile cmhla ag rdh nach do rinn an riaghaltas SNP follaiseach carson a bu chir d eucoir r a stidheachadh san lagh agus gum bu chir cuir s dhan bhile. Ach tha an riaghaltas ag rdh nach fhulaing iad grin-creideamh de shersa sam bith.

Bt-aiseig

Chaidh comhair a dhanamh air 800 duine air bt-aiseig a chaidh na teine sa Mhuir Dhearg agus i a' seladh Irdan dhan Eipheit. Tha e coltach gu bheil mu 400 duine fhathast air a' bhta ach tha e coltach nach deach duine a chall.

Btaichean-aiseig air an ruith air bataraidh

Chaidh cmhant sa bheil luach 22m aontachadh son a' chiad bhtaichean-aiseag an Alba a bhios a' ruith air bataraidhean. Thug a' chompanaidh stit dham boin Caledonain Mac a' Bhruthainn an t-rdugh do Ghrradh Fhearghasdan ann am Port Chluaidh. 'S e seo a' chiad thuras bho chion bhliadhnaichean a chaidh btaichean-aiseig a thogail an sin.

Bta-teasairginn

Bidh bta-teasairginn stidhichte ann an Ceann a Deas na Hearadh a dh'aithghearr. Dh' aontaich an RNLI an-raoir bta a chur dhan sgre airson bliadhna, mar dheuchainn. Tha btaichean eile an drasta ann an Sternabhagh, Barraigh agus Port Rgh. Bidh bta na Hearadh stidhichte san t-b.

TIF

Thid iarraidh air Riaghaltas na h-Alba mneachadh a thoirt do Chomhairle nan Eilean Siar mu carson nach d' fhuair a' chomhairle cothrom air airgead tron sgeama r TIF (Tax Incremental Financing), agus ughdarrasan ionadail eile a' faighinn cothrom air ficheadan muillean not. Fon sgeama r faodaidh comhairlean airgead fhaighinn air iasad airson priseactan leasachaidh agus gheibh iad an t-airgead air ais bho chsean 's ml air na leasachaidhean an didh sin. Ach chaidh cead a dhiltadh do Chomhairle nan Eilean Siar 1.7m a thogail airson Caisteal Ledhais a leasachadh, agus 17m airson earrann do thuath-gaoithe Steornabhaigh a cheannach.

Sprs

Sheachainn Club Ball-Coise Hearts oidhirp eile air stad a chur orra mar ghniomhachas leis gun do phigh iad cunntas cse. Bha a' chis ri dhol gu Cirt an t-Seisein an diugh.

Ann an Log Europa a-nochd tha Celtic a' cluich Rennes ann an Glaschu.

Chaidh Steve Lomas ainmeachadh an diugh mar mhanaidsear r aig St Johnstone.

Agus thid moladh do Chomunn na Chamanachd nach biodh ann ach an aon gheam iomain eadar-niseanta sa bhliadhna leis a' mh-chinnt a th'ann mun t-siostam sgraidh thairis air d gheam.