|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Naidheachdan 1100 25mh an t-Samhain 2011
|
||||||||||||||||||||||
|
Lasachadh Cìs a' Chonnaidh Thèid Cìs a' Chonnaidh a lùghdachadh ann an eileanan iomallach Bhreatainn on Mhàrt an ath-bhliadhna. Dh'fhoillsich Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander, gu bheil iad air cead Eòrpach fhaighinn airson lasachadh de 5sg san not a dhèanamh air cìs a' pheatroil agus an diesel ann an Eileanan Costa an Iar na h-Alba, na h-Eileanan mu Thuath, agus Eileanan Scilly. Airson dèanamh cinnteach nach caill stèiseanan connaidh eileanach airgead fon sgeama, thuirt Mgr Alexander gum biodh iadsan airidh air an lasachadh bho thoiseach an Fhaoillich. Tubaist-rathaid Chan eil fhios fhathast an e droch shìde a dh'adhbharaich tubaist-rathaid anns na Hearadh anns an do chaill boireannach a beatha an-raoir. Chaidh an càr anns an robh i a' siubhail far an rathaid mu 4:00f faisg air Loidse Horsacleit. Tha am pàirt ud den rathad A859 fhathast dùinte, agus thathas ag iarraidh air dràibhearan Rathad nam Bàgh a ghabhail. Cion-cosnaidh Chuir Rùnaire an Ionmhais ann an Alba, Iain Swinney, fàilte air sgeama ùr Riaghaltas Westminster airson dèiligeadh ri cion-cosnaidh am measg òigridh. Thèid £1bn a chosg air Cùmhnant Òigridh an Riaghaltais a thèid fhoillseachadh leis an Leas-Phrìomhaire, Nick Clegg an-diugh fhathast. Heathrow Dh'iarr Port-adhair Heathrow air companaidhean adhair a bhios a' sgiathadh a-steach bho thall-thairis fhad 's a tha an Roinn Phoblach air stailc an ath-sheachdain gearradh air ais gu mòr air na tha iad a' giulain de luchd-siubhail. Thuirt oifigich gur dòcha gun tèid dàil de suas ri 12 uair de thìde a chur air luchd-siubhail fhad 's a tha sgrùdadh ga dhèanamh air an ceadan-siubhail aca. Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann Tha sgrùdadh ga dhèanamh air casaidean gun do thòisich fear-glanaidh aig ospadal ann an Dùn Èideann air conaltradh ri euslainteach as dèidh dha fiosrachadh pearsanta mu a deidhinn a thoirt far siostam coimpiutaireachd an ospadail. Tha e air a thuigsinn gun deach cobhair a dhèanamh air a' bhoireannach ann an ionad A&E Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann air an t-seachdain seo chaidh, agus gun do thòisich am fear-glanaidh a' cur teachdaireachdan thuice air lìonra conaltraidh sòisealta. Network Rail Thèid casaidean a chur as leth Network Rail co-cheangailte ri bàs dithis dheugaire aig crois-rèile ann an 2005. Bhàsaich Olivia Baslington a bha 14, agus Charlotte NicThòmais, aois 13, nuair a chaidh an leagail le trèana ann an Elsenham ann an Essex. Tha Oifis Riaghlaidh na Rèile air cùis eucoir a thogail agus iad a' cur as leth na companaidh gun deach riaghailtean slàinte is sàbhailteachd a bhriseadh. An Tinneas Tuiteamach Thuirt luchd-iomairt nach eil gu leòr ga dhèanamh do dhaoine a tha a' fulang leis an Tinneas Tuiteamach ann an Alba. Tha àireamhan ùra a' sealltainn thairis air na sia bliadhna a dh'fhalbh gun tàinig àrdachadh de 40% air na tha de dh'Albannaich a' fulang le Epilepsy. A dh'aindeoin sin tha a' bhuidheann a tha a' riochdachadh dhaoine air a bheil an tinneas ag ràdh nach eil ach còig bùird-shlàinte a-mach à 14 a' fastadh neach-comhairleachaidh shònraichte. Spòrs Dh'ainmich Hibs Pat Fenlon mar mhanaidsear ùr aca. Tha Fenlon, a b'àbhaist a bhith aig Bohemians, air gluasad gu Easter Road air cùmhnant dà bhliadhna gu leth. |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Naidheachdan 1100 24mh an t-Samhain 201124 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 23mh an t-Samhain 201123 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 22mh an t-Samhain 201122 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 21mh an t-Samhain 201121 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||