|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Naidheachdan 1100 24mh an t-Samhain 2011
|
||||||||||||||||||||||
|
Stailc Tha an t-Aonadh son Seirbheisean Poblach agus Coimearsalta a' fàgail air Riaghaltas Bhreatainn nach eil iad a' dèanamh gu leòr airson ullachadh son stailc a tha gu bhith sa roinn phoblaich an ath-sheachdain. Bidh còrr is 1800 luchd-obrach bho sheirbheis crìochan na rìoghachd air stailc, agus tha an riaghaltas air iarraidh air luchd-obrach na seirbheis catharra ann an Whitehall na dreuchdan aca a ghabhail os làimh thairis air an àm sin. Tha luchd-obrach na roinne poblaich gu bhith air stailc is iad mì-thoilichte mu atharraichean sna peinnseanan aca. Super Puma Fhuair an rannsachadh oifigeil mu thubaist heileacoptair anns a' Chuan a Tuath, anns an do chaill sia duine deug am beatha, gur e an gearbox a dh'fhàilig. Bha an Super Puma a' tilleadh a dh'Obar Dheathain bho chlàr-ola Miller nuair a chaidh i dhan a' mhuir far chladach Cheann Phàdraig. Chaidh an dithis chriubha, agus na ceithir duine deug eile a bh'air bòrd, uile a mharbhadh. Thàinig e am bàrr gu robhar a' beachdachadh air gearbox ùr a chur innte seachdain ron tubaist, ach gun deach sin a chur dheth air sgàth mì-thuigse eadar a' chompanaidh a rinn an Super Puma agus an fheadhainn a bha ga ruith. Inimrich Tha na h-àireamhan as ùire air sealltainn gun d' ràinig an àireamh de dhaoine a thàinig a-steach do Bhreatainn a dh'fhuireach an-uiridh còrr is 250,000. Tha an riaghaltas ag ràdh gu bheil targaidean aca son an àireamh sin a lùghdachadh. Tha iad airson an ìre a thoirt sìos 100,000 gach bliadhna eadar seo agus 2015. Crìonadh a' chladaich Sheall rannsachadh-mara, a rinnear mu thimcheall air sgìre an Iochdair ann an Uibhist a Deas, nach biodh na tuiltean a bhuail an t-àite ann an 2005 air uidhir a' chron a dhèanamh mur a b'e gun robh cabhsair air an Fhadhal a Deas. Chaidh toradh an rannsachaidh fhoillseachadh aig coinneamh phoblach san eilean an-raoir. Chaill teaghlach de chòignear am beatha anns an stoirm mhòr bho chionn seachd bliadhna. Dùn Dè Tha deugaire seachd bliadhna deug dh'aois san ospadal ann an Dùn Dè an dèidh dhaibh a bhith air an lorg ann am fìor dhroch staid ann am fear de shràidean a' bhaile. Chaidh an neach a lorg ann an Slighe Caird mu leth uair an dèidh sia sa mhadainn an diugh. Tha poilis air an sgìre a chomharrachadh airson rannsachaidh. Gambia Bidh taghadh a' gabhail àite ann an Gambia an-diugh airson cinn-suidhe ùr. Ach leis nach eil comas-leughaidh aig mòran de mhuinntir na dùthcha, 's ann le marbles a bhios daoine a' bhòtadh, seach le pàipear-baileat. Bidh drumaichean mòra aig gach stèisean le dealbh gach tagraiche. Agus ge bith cò tha daoine son bhòtadh - bidh iad a' cur am marble dhan druma sin. Ge bith cò an tagraiche a gheibh na marbalan as motha - 's iad a bhuannaicheas. Spòrs Tha Radio nan Gàidheal a' tuigsinn gun tèid Pat Fenlon ainmeachadh mar mhanaidsear ùr Hibs. Thug an sgioba Èireannach Bohemians cead dha bruidhrinn ri Hibs an-raoir, agus thathas an dùil gun cuir Fenlon ainm ri cùmhnant trì bliadhna gu leth aig Easter Road. Dh'fhaodadh Rangers cùmhnant a thabhainn do Sone Aluko an-diugh. Tha an seann sgioba aig Aluko, Obar Dheathain, ag ràdh gum
bi iad ag iarraidh airgead-dìolaidh ma ghluaiseas e gu Ibrox. |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Naidheachdan 1100 23mh an t-Samhain 201123 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 22mh an t-Samhain 201122 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 21mh an t-Samhain 201121 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 18mh an t-Samhain 201118 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||