BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 21 An t-Samhain, 2011 - Air fhoillseachadh aig 11:56 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Naidheachdan 1100 21mh an t-Samhain 2011
 

Leveson

Tha pàrantan an deugaire Milly Dowler a' toirt fianais seachad aig Rannsachadh a' Mhorair Leveson mu mhodhanan sna meadhanan. Tha iad am measg fichead duine a tha a' dol a nochdadh aig an sgrùdadh 's iad ag ràdh gu robh pàipearan a' farchluais air na fònaichean aca.

An Èipheit

Tha tuilleadh buairidh air a bhith eadar Poilis na h-Èipheit agus luchd-iomairt ann an Cairo. Loisg na feachdan tèarainteachd gas deòir 's iad a' feuchainn ri daoine a ghluasad a-mach à Ceàrnag Tahrir. Bhàsaich trì duine deug san àimhreit aig deireadh na seachdain. Chaidh na ceudan a ghoirteachadh.

Iasgaich

Tha iomagain air gnìomhachas an iasgaich air a' Chost an Iar gu faodadh staing a Euro buaidh a thoirt orra. Tha 90% de na maosgan-caol a thèid a ghlacadh air an taobh siar ga reic sa Spàinn. Thuirt aona chompanaidh sa Chaol gun do thuit na tha iadsan a' cur gu margaidh Bharcelona bho 900 bucas san oidhche gu 200.

Ach aig a' cheart àm tha criomag dòchais ann. Bhon diugh bidh maosgan caola bhon taobh siar ga reic le Sainsburys. Bidh iad ri fhaighinn ann an 500 bùth air feadh Bhreatainn.

New York

Chuir na h-ùghdarrasan ann an New York fireannach fo chasaid gun robh e ag ullachadh airson ionnsaighean ceannairc a thoirt air na poilis agus luchd-obrach dhan riaghaltas. Tha Jose Pimentel 27 agus bha e a' fuireach ann an Manhattan. Chaidh aithris gu bheil e taiceil dha Al Qaeda agus gun dh'ionnsaich e cionnas a dhèanadh e boma bhon eadar-lìon.

Capita

Tha a' chompanaidh Capita a' dol a chruthachadh 100 obair ùr aig an ionad fòn aca ann am Moireibh. Bidh a' chompanaidh a' dèanamh obair-rianachd agus a' làimhseachadh seirbheisean do luchd-cleachdaidh às leth buidhnean eile. Tòisichidh iad a' fasdadh dhaoine son nan obraichean ann am Farrais nas fhaide air a' mhìos.

Crannchur

Thug càraid, a bhuannaich £161m air Crannchur na Roinn Eòrpa, £1m do dh'iomairt an SNP son neo-eiseimealachd. Tha an tabhartas bho Chris agus Cailean Weir air an fhear as luachmhoir a tha na Nàiseantaich air fhaighinn a-riamh. Gheall an SNP roimhe referendum a chumail san teirm phàrlamaid seo.

Clò

Bu chòir gun tèid an Clò Hearach fhaicinn air brògan Clarks a dh'aithghearr. Fhuair am breabadair Dòmhnall Iain MacAoidh, à Losgaintir, sa tha ag obair air a cheann fhèin, cùmhnant luachmhor leis a' chompanaidh. Rinn e obair roimhe do Chlarks agus do Nike.

Spòrs

Bidh Andaidh Moireach a' cluich a' chiad gheama aige ann an Cuairtean Deireannach Farpais ATP na Cruinne feasgar. Bidh e an aghaidh David Ferrer.

Rinn Rafael Nadal a' chùis an aghaidh an Aimearacanaich Mardy Fish an-dè agus bhuannaich Roger Federer an aghaidh Jo Wilfred Tsonga.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Naidheachdan 1100 18mh an t-Samhain 2011
18 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 16mh an t-Samhain 2011
16 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 17mh an t-Samhain 2011
17 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy