BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 18 An t-Samhain, 2011 - Air fhoillseachadh aig 11:48 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Naidheachdan 1100 18mh an t-Samhain 2011
 

An Euro

Tha am Prìomhaire Dàibhidh Camshron, ann am Berlin an-diugh 's e a' deasbad èiginn an Euro le Seansalair na Gearmailt Angela Merkel. Tha cuid de Bhuill-Phàrlamaid Gearmailteach air a bhith a' gearain nach eil Breatainn a' dèanamh gu leòr mu choinneimh staing airgid na h-Eòrpa.

An Eadailt

Tha Prìomhaire ùr na h-Eadailte a' feitheamh ri aonta taigh-ìosal na Pàrlamaid an-diugh airson a phlanaichean airson dèiligeadh ri fiachan na dùthcha. Tha Mario Monti ag ràdh gun cothromaich e gearraidhean le leasachadh eaconamach agus sòisealta.

Michelin

Tha dùil ri glèidheadh air ceudan chosnaidhean agus ri 140 cosnadh ùr le taic-airgid do dh'fhacataraidh taidhear Michelin ann an Dùn Dèagh. Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a' tadhal air an fhactaraidh an-diugh le naidheachd mu thaic-airgid bho Iomairt na h-Alba.

Maoineachadh an MOD

Dh'aidich Rùnaire an Dìon, Philip Hammond, gu bheil daoine air a bhith mì-chùramach le airgead Mhinistreachd an Dìon. Bha e a' bruidhinn air aithris anns a' phàipear-naidheachd an Guardian, a thuirt gun do chosg an MOD còrr is £560m air eòlas teignigeach a cheannach. Thuirt an MOD gu bheil iad air cùisean a theannachadh bhon uair sin.

Croitearachd

Tha cunnart ann gun cuir daoine cùl ri croitearachd ma chailleas iad pàirt den t-subsadaidh, a rèir fhir de choimiseanairean Choimisean nan Croitearan. Bha Murchadh MacIllFhinnein a' beachdachadh air aithisg a tha ag ràdh gum faodadh croitearan call a-mach gu mòr air subsadaidh a' chùl-chinn, an coimeas ri tuathanaich fo riaghailtean ùra Poileasaidh Choitchinn an Àiteachais.

Bàs aig Taigh-spadaidh

Tha poilis agus Buidheann na Slàinte 's na Sàbhailteachd a' sgrùdadh bàs fireannaich aig ionad-spadaidh ann am Pàislig. Thachair an tubaist mu 11:45m an-dè aig ionad Sandyford. Tha e coltach gun do thuit closach air an duine. Chaidh a thoirt dhan ospadal ann am Pàislig, ach chaochaill e an sin.

Dùn Stafhanais

Thòisich obair air pàirce saidheans mara aig Dùn Stafhanais faisg air an Òban. Cosgaidh a' chiad ìre den phròiseact £7.5m, agus thèid toiseach na h-obrach a chomharrachadh gu h-oifigeil an-diugh.

Spòrs

Tha manaidsear Celtic, Niall Lennon, ag iarraidh air luchd-taic na sgioba a bhith modhail agus a bhith a' seachnadh eughan de ghràin-creidimh no dad eile sa gheama aca an aghaidh Caley Thistle Inbhir Nis, ann an Inbhir Nis a-màireach. Tha cluba Celtic fo chasaid aig UEFA airson, mar a th' aca air "illicit chanting" nam briathran fhèin, aig geama Lìog Europa an aghaidh Rennes, agus cuideachd a thaobh obair a bha a' dol air adhart aig geama an aghaidh Hibs bho chionn ghoirid.

Dh'innis Hearts gun d'fhuair còrr is 30 duine de na cluicheadairean aca an tuarastal mu dheireadh thall, agus gum faigh an còrr am pàigheadh cho luath 's a ghabhas sin dèanamh.

Agus ann an rugbaidh, ann an Cupa Heineken, tha Dùn Èideann a' cluich na sgioba às an Fhraing, Racing Metro, aig Murrayfield a-nochd.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Naidheachdan 1100 17mh an t-Samhain 2011
17 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 16mh an t-Samhain 2011
16 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 14mh an t-Samhain 2011
14 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 11mh an t-Samhain 2011
11 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy