BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 16 An t-Samhain, 2011 - Air fhoillseachadh aig 12:03 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Naidheachdan 1100 16mh an t-Samhain 2011
 

Cion-cosnaidh

Dh'èirich an àireamh dhaoine a tha gun chosnadh ann am Breatainn mu 129,000 anns an t-Sultain gu 2.62m. Thuirt Oifis nan Staitistigean Nàiseanta gu bheil an àireamh as motha riamh de dhaoine òga gun chosnadh, agus sin air èirigh gu còrr is millean. Bha còir is 5,000 a bharrachd gun obair an Alba air a' mhìos sin, a' toirt na h-àireimh gu lèir gu 215,000.

Casg Smocaidh

Thuirt Comann Meidigeach Bhreatainn gu bheil fianais làidir aca gum bu chòir smocadh a chasg ann an càraichean, ged nach biodh ann an càr ach an dràibhear fhèin, agus tha iad ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba an casg sin a chur an sàs. Thuirt an Riaghaltas nach eil planaichean aca airson sin a dhèanamh, ach gun seall iad ri molaidhean sam bith airson smachd a chur air droch bhuaidh thombaca.

Alison Hume

Fhuair rannsachadh FAI gum faodadh gum biodh boireannach à Siorrachd Àir fhathast beò nam biodh na seirbheisean èiginn air a togail na bu luaithe na rinn iad à seann mhèinn ghuail. Thuit Alison Hume, a bha 44, agus a bhuinneadh do Ghalston, dhan mhèinn ann an 2008. Bha i ann airson sia uairean de thìde, fhad 's a chuir mì-chinnt mu riaghailtean Slàinte is Sàbhailteachd maill air obair-theasairginn. Chaochaill i an dèidh grèim-chridhe a ghabhail nuair a chaidh a togail mu dheireadh thall às a' mhèinn.

Prìosan Bhàrr na Linne

Tha am prìosan as motha an Alba, Bàrr na Linne ann an Glaschu, a leth uidhir a-rithist cho làn 's a bu chòir dha. Thuirt Àrd-Inspector nam Prìosan, am Brigadier Uisdean Rothach, gu bheil dragh mòr airsan mun àrdachadh san àireamh phrìosanach a tha gan cumail anns a' phrìosan fhad 's a tha iad a' feitheamh ri dhol dhan chùirt.

Talamh Ionaltraidh

Tha cunnart ann gun caill mòran chroitearan a tha a' cleachdadh talamh ionaltraidh pàirt den t-subsadaidh aca, a rèir eòlaiche a tha a' bruidhinn ri co-labhairt de Luchd-Measaidh Choimisean nan Croitearan an-diugh. Tha Gwyn Jones ag ràdh gu bheil molaidhean airson Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais a' ciallachadh gun caill croitearan a-mach gu mòr, an coimeas ri tuathanaich.

Ceannardan Bun-sgoile

Tha ceannardan bun-sgoile na h-Alba air bhòtadh airson stailc. Chuir an t-aonadh aca, an AHDT, romhpa aig coinneimh an-raoir, gun tèid iad air adhart le stailc còmhla ri luchd-obrach eile san roinn phoblaich air an 30mh là den mhìos seo, agus iad a' gearain mu atharrachadh anns a' pheinsean aca.

Trèana na h-Oidhche

Dh'fhaodadh gun tèid cur às do na seirbheisean trèana tron oidhche à Lunnainn dhan Ghearasdan agus Inbhir Nis fo phlanaichean a chuir Buidheann Chòmhdhail Riaghaltas na h-Alba air adhart. Bha Rèile Bhreatainn airson faighinn cuidhteas nan seirbheisean seo an toiseach bho chionn 16 bliadhna, ach thàinig orra cur às dhan phlana aig an àm sin.

Spòrs

Tha a h-uile coltas gu bheil Hibs deiseil airson Pat Fenlon, a tha an-dràsta na mhanaidsear air a' chluba Èireannach, Bohemians, fhastadh gu dreuchd a' mhanaidseir aig Easter Road.

Chaidh Poblachd na h-Èireann troimhe gu cuairtean deireannach Euro 2012 an-raoir. Ged is e 1-0 a bh' ann eadar iad fhèin agus Estonia an-raoir ann am Baile Átha Cliath, 's e 5-1 a bh' ann dha na h-Èireannaich thairis air an dà gheama. Chaidh Poblachd nan Seiceach, Croàitia agus Portagal troimhe an-raoir cuideachd dhan taghadh a bhios ann an ceann cola-deug.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Naidheachdan 1100 14mh an t-Samhain 2011
14 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 11mh an t-Samhain 2011
11 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 10mh an t-Samhain 2011
10 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 09mh an t-Samhain 2011
09 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy