BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 04 An t-Samhain, 2011 - Air fhoillseachadh aig 08:13 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Iarrtas gus Achd na Gàidhlig a neartachadh
 
Bòrd na Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig a' còmhradh ri ministearan a thaobh Achd na Gàidhlig a neartachadh.
Bu chòir Achd na Gàidhlig a neartachadh gus am bi còir aig pàrantan foghlam tro mheadhan na cànain fhaighinn dhan cuid chloinne, a rèir Bhòrd na Gàidhlig.

Mar a tha gnothaichean ag obair an-dràsta tha seo a rèir toil gach ùghdarras ionadail.

A rèir a' Bhùird feumaidh tòrr a bharrachd a bhith air a dhèanamh ma tha e gu bhith comasach dhaibh an amasan airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a choileanadh.

Dùblachadh

Tha iad a' cur romhpa an àireamh de chloinn ann am foghlam tro mheadhan na Gaidhlig a dhùblachadh mar phàirt den phlana nàiseanta ùr aca, is tha iad den beachd gun dèanadh atharrachadh san achd feum dhaibh.

"Tha sinn a' smaoineachadh gum bu chòir an achd a bhith nas treasa a thaobh barrachd chothrom a thoirt do phàrantan", thuirt Ceannard a' Bhùird, Iain Aonghas MacAoidh.

"Ma 's e agus gu bheil gu leòr aca ag iarraidh foghlam Gàidhlig dhan chloinn gum faigh iad e.

"Tha sinn a' bruidhinn ri ministearan mu dhèidhinn sin an drasta gus am faic sinn an tig againn air gluasad a dhèanamh sa roinn sin", thuirt e.

Reusanta

Thuirt Mgr MacAoidh gun fheumadh iarrtas reusanta a bhith ann.

"Ma 's e aon leanabh ann an sgìre a bhiodh ag iarraidh a dhol gu foghlam Gàidhlig is nach eil thu a' dol a dh'fhaicinn an còrr a' dol a thighinn airson bliadhnaichean - chan urrainn dha comhairle tidsear a chur mu choinneimh suidheachadh dhan t-seòrsa sin.

"Ach mas urrainn dhuit faicinn - ged a b'e fius aona leanabh a bhiodh ann a' chiad bliadhna - gum biodh clann a' tighinn air adhart anns na bliadhnaichean as dèidh sin, is urrainn dhuit a ràdh faodaidh seo a bhith seasmhach agus bu chòir dhuinn a dhèanamh", thuirt e.

Bha Mgr MacAoidh a' bruidhinn aig coinneamh ann an Leòdhas mar phàirt de chonaltradh air an ath-Phlana Nàiseanta Gàidhlig.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy