BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 03 An t-Samhain, 2011 - Air fhoillseachadh aig 11:54 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Naidheachdan 1100 03mh an t-Samhain 2011
 

A' Ghrèig

Tha a h-uile coltas ann gu bheil Riaghaltas na Grèige gus tuiteam agus sgaradh domhainn ann mu phlana a' Phrìomh Mhinisteir, George Papandreou, referendum a chumail air an taic-airgid Eòrpach dhan dùthaich. Thuirt ceathrar mhinisteir ann an caibineat na Grèige nach eil iad ag iarraidh referendum agus tha a h-uile coltas ann gun tèid bhòt-earbsa a-màireach an aghaidh Mhgr Papandreou.

Agus thuirt an Ceann-suidhe Obama aig toiseach àrd-choinneimh an G20 ann an Cannes gur e fuasgladh air trioblaidean ionmhais na h-Eòrpa an rud as cudromaiche a tha romhpa air an dà latha de chòmhraidhean.

Gràin-creideamh

Tha na ceithear phàrtaidhean dùbhlain ann am Pàrlamaid na h-Alba a' càineadh phlanaichean an Riaghaltais airson dèiligeadh ri gràin-creideamh co-cheangailte ri ball-coise. Tha na pàrtaidhean eile còmhla ag ràdh nach do rinn an riaghaltas SNP follaiseach carson a bu chòir dà eucoir ùr a stèidheachadh san lagh agus gum bu chòir cuir às dhan bhile. Ach tha an riaghaltas ag ràdh nach fhulaing iad gràin-creideamh de sheòrsa sam bith.

Bàt-aiseig

Chaidh comhair a dhèanamh air 800 duine air bàt-aiseig a chaidh na teine sa Mhuir Dhearg agus i a' seòladh à Iòrdan dhan Eipheit. Tha e coltach gu bheil mu 400 duine fhathast air a' bhàta ach tha e coltach nach deach duine a chall.

Bàtaichean-aiseig air an ruith air bataraidh

Chaidh cùmhant sa bheil luach £22m aontachadh son a' chiad bhàtaichean-aiseag an Alba a bhios a' ruith air bataraidhean. Thug a' chompanaidh stàit dham boin Caledonain Mac a' Bhruthainn an t-òrdugh do Ghàrradh Fhearghasdan ann am Port Chluaidh. 'S e seo a' chiad thuras bho chion bhliadhnaichean a chaidh bàtaichean-aiseig a thogail an sin.

Bàta-teasairginn

Bidh bàta-teasairginn stèidhichte ann an Ceann a Deas na Hearadh a dh'aithghearr. Dh' aontaich an RNLI an-raoir bàta a chur dhan sgìre airson bliadhna, mar dheuchainn. Tha bàtaichean eile an drasta ann an Steòrnabhagh, Barraigh agus Port Rìgh. Bidh bàta na Hearadh stèidhichte san t-Òb.

TIF

Thèid iarraidh air Riaghaltas na h-Alba mìneachadh a thoirt do Chomhairle nan Eilean Siar mu carson nach d' fhuair a' chomhairle cothrom air airgead tron sgeama ùr TIF (Tax Incremental Financing), agus ughdarrasan ionadail eile a' faighinn cothrom air ficheadan muillean not. Fon sgeama ùr faodaidh comhairlean airgead fhaighinn air iasad airson pròiseactan leasachaidh agus gheibh iad an t-airgead air ais bho chìsean 's màl air na leasachaidhean an dèidh sin. Ach chaidh cead a dhiùltadh do Chomhairle nan Eilean Siar £1.7m a thogail airson Caisteal Leòdhais a leasachadh, agus £17m airson earrann do thuath-gaoithe Steornabhaigh a cheannach.

Spòrs

Sheachainn Club Ball-Coise Hearts oidhirp eile air stad a chur orra mar ghniomhachas leis gun do phàigh iad cunntas cìse. Bha a' chùis ri dhol gu Cùirt an t-Seisein an diugh.

Ann an Lìog Europa a-nochd tha Celtic a' cluich Rennes ann an Glaschu.

Chaidh Steve Lomas ainmeachadh an diugh mar mhanaidsear ùr aig St Johnstone.

Agus thèid moladh do Chomunn na Chamanachd nach biodh ann ach an aon gheam iomain eadar-nàiseanta sa bhliadhna leis a' mhì-chinnt a th'ann mun t-siostam sgòraidh thairis air dà gheam.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Naidheachdan 1100 02mh an t-Samhain 2011
02 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 01mh an t-Samhain 2011
01 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 31mh an Dàmhair 2011
31 An Dàmhair, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 28mh an Dàmhair 2011
28 An Dàmhair, 2011 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy