BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 02 An t-Samhain, 2011 - Air fhoillseachadh aig 11:36 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Naidheachdan 1100 02mh an t-Samhain 2011
 

Euro

Coinnichidh Ceann-suidhe na Frainge, Nicolas Sarkozy, agus Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, ri prìomhaire na Grèige, George Papandreou, an diugh. Bidh iad a' bruidhinn air co-dhùnadh Mhgr Papandreou referendum a chumail air an aonta Eòrpach airson comhair air trioblaidhean ionmhais na Grèige. Tha sin a' cur teagamh mhòr anns an aonta Eòrpach airson an Eurozone agus thug e droch bhuaidh an diugh mar tha air na margaidhean ionmhais.

Citigroup

Thàinig rabhadh bho bhuidheann mhòr ionmhais, Citigroup, gum bu chòir do chompanaidhean cumhachd agus buidhnean eile a bhith gu math faiceallach mu bhith a' cur airgid an sàs ann an cumhachd ath-nuadhachail ann an Alba, leis a' mhì-chinnt a dhèanadh a measg rudan eile referendum air neo-eisimeileachd. Ach chan eil Riaghaltas na h-Alba a' cur suim sam bith anns an rabhadh bho Citigroup agus iad ag radh gu bheil companaidhean mòra a' cur an cuid airgid an sàs mar tha ann an Alba.

Assange

Cha do shoirbhich idir leis an duine a chuir an làrach-lion WikiLeaks air bhonn, Julian Assange, le tagradh san Àird Chùirt, agus e a' cur an aghaidh ordugh airson a chur dhan t-Suain far a bheil e fo amharas mu ionnsaighean drabasta air dithis bhoireannach. Tha Mgr Assange a' dol as aicheadh.

Peinnseanan

Tha an riaghaltas a' tabhann tairgse as ùr mu pheinnseanan na roinne poblaich aig coinneamh ris na h-aonaidhean an diugh. Tha na h-aonaidhean a' cur crìoch an drasta air baileat agus iad a' beachdachadh air stailc aon latha sa roinn phoblaich aig deireadh na mìos seo.

Slàinte

Tha muinntir Ghleann Eilg agus Àrnasdail a' togail fianais aig coinneamh ceannardan slàinte na Gàidhealtachd ann an Inbhir Pheofharain an diugh. Tha dragh orra mu phlanaichean NHS na Gàidhealtachd airson seirbheis dhotairean na sgìre. Dh'fhàg fear de na dotairean a bh'aca bho chionn ghoirid agus ged a tha dotair locum na àite an dràsta tha NHS na Gàidhealtachd a-nis a' sgrùdadh na seirbheis a tha iad a' tabhann sa sgìre.

An t-Òban

Tha dòchas ann gum bi an t-Òban na phrìomh bhaile do ghniomhachas cumhachd ath-nuadhachail air a' chost an iar, agus Riaghaltas na h-Alba air taic a chur ri luach £20m de phlanaichean. Tha am pròiseict san Òban a measg trì a fhuair cead ann am prionnsabal bhon riaghaltas. Bidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' co-obrachadh ri Urras Futures na h-Alba a-nise air plana-gnìomhachais a chur an sàs.

Iasgach

Tha Ministear Iasgaich na h-Alba, Ridseard Lochead, aig Comataidh Àrainneachd, Biadh agus Cùisean Dùthchail Westminster an diugh agus e ag iarraidh riaghladh an iasgaich a thoirt air falbh bhon Choimisean Eòrpach agus a' sgaoileadh a-mach dha na diofar sgìrean. Tha Mgr Lochead ag radh gu bheil poileasaidh an iasgaich a' toirt fìor dhroch bhuaidh air a' ghnìomhachas agus tha e ag iarraidh taic bhon riaghaltas airson cumhachd a thoirt bhon Choimisean Eòrpach.

Spòrs

A-nochd san Champions League tha Manchester City a' cluich Villareal anns an Spàinn agus tha Manchester United aig an taigh an aghaidh na sgioba à Romania, Galati.

Tennis agus tha Andy Moireach anns a' chiad chuairt de dh'fharpais na h-Eilbhis ann am Basel agus e a' cluich Robin Haase às an Òlaind feasgar an diugh.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Naidheachdan 1100 01mh an t-Samhain 2011
01 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 31mh an Dàmhair 2011
31 An Dàmhair, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 28mh an Dàmhair 2011
28 An Dàmhair, 2011 | Naidheachdan
Naidheachdan 1100 27mh an Dàmhair 2011
27 An Dàmhair, 2011 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy