http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

12 An Dàmhair, 2011 - Air fhoillseachadh aig 10:42 BST

Duais dha Fàs Mòr

Chaidh Fàs Mòr, ionad cùraim chloinne ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ainmeachadh mar Ghnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna.

Tha an t-ionad stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig.

Gheibh iad duais £3,000 san fharpais a th' air a ruith le Comunn na Gàidhlig.

Tha còrr air 70 leanabh clàraichte aig Fàs Mòr, a tha ag obair air fad tro mheadhan na Gàidhlig.

Thuirt manaidsear an ionaid, Kathryn NicAoidh, air Aithris na Maidne, gur e "rud mòr a th' ann dha Fàs Mòr" an duais a chosnadh.

Bha i ag ràdh cuideachd gu bheil planaichean aca airson leudachadh.