BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 27 An Dàmhair, 2011 - Air fhoillseachadh aig 10:38 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach cḷ-bhualaidh
Inbhe àiteachais ùr don Ghàidhealtachd?
 
Croit
Tha àiteachas aig tuath ann an suidheachadh cugallach, a rèir Bhuidheann Àiteachais na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Bu cḥir na h-eileanan agus a' chuid mḥr dhen Ghàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal a chomharrachadh mar Sǵrean Cugallach Àiteachais.

Sin a rèir Bhuidheann Àiteachais na Gàidhealtachd is nan Eilean - co-bhanntachd de Chomhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra Ghàidheal is Bḥid is Comhairlean Arcaibh is Sealltainn - c̣mhla ri HIE, Coimisean nan Croitearan, SNH agus an RSPB.

Tha iad ag iarraidh inbhe àiteachais VFA (Vulnerable Farming Area) - a tha nas àirde na LFA (Less Favoured Area) - gus am faigheadh sǵrean iomallach aig tuath tuilleadh taic-airgid.

Athaisg

Nochd am beachd mar tha ann an athaisg Brian Pack a bha a' coimhead ri taic son àiteachais ann an Alba.

Fo phlanaichean Bhuidheann Àiteachais na Gàidhealtachd is nan Eilean bhiodh na h-eileanan air fad bho Shealtainn gu Arainn air an comharrachadh mar VFA.

Bhiodh e cuideachd a' gabhail a-steach taobh siar na Gàidhealtachd air fad agus cladach a tuath Chataibh is Gallaibh ach a-mhàin ear-thuath Ghallaibh.

A thuilleadh air a sin bhiodh sǵre Phàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh na VFA, mar a bhiodh ṕos ṃr de dh' Earra-Ghaidheal, ged nach biodh e a' toirt a-steach ṃran gu deas air an ̉ban.

Cunnart

A rèir Bhuidheann Àiteachais na Gàidhealtachd is nan Eilean tha suidheachadh an àiteachais aig tuath an drasta cho dona is gu bheil cunnart ann gun cuir daoine an cùl ris an fhearann agus gun tig cŕonadh air an t-sluagh mura faighear an tuilleadh taic-airgid.

Tha feum gu math nas motha aig na sǵrean seo aig tuath air taic na ṃran de na sgirean LFA a th'ann mar tha, tha iad ag radh.

Thathar a-nise a' deasachadh airson na molaidhean a chur gu Riaghaltas na h-Alba.

 
 
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach cḷ-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy