BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 26 An Dàmhair, 2011 - Air fhoillseachadh aig 14:14 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Barrachd sheòlaidhean air aiseag Armadail
 
Armadail (Dealbh: Undiscovered Scotland)
Tha an leasachadh a' tighinn an cois atharrachaidh air clàr-ama aiseig Eilein Chanaigh
Tòisichidh seirbheisean a bharrachd air aiseag Armadail tro mhìosan a Gheamhraidh.

Bidh seòlaidhean moch is anmoch Disathairne, agus aon sheòladh Là na Sàbaid.

Bho chionn dà bhliadhna, cha robh seirbheisean ann idir air an deireadh sheachdain tron Gheamhradh.

Tha an leasachadh a' tighinn an cois atharrachaidh air clàr-ama aiseig Eilein Chanaigh.

Chaidh an t-seirbheis sin atharrachadh gu bhith nas goireasaiche do mhuinntir Chanaigh, le seirbheis a-nis aca madainn na Sàbaid, an àite madainn Disathairne.

Tha gnìomhachasan ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich am measg na tha an dùil buannachd fhaighinn, a thuilleadh air oileanaich aig Colaiste na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig.

"Bha luchd-turais ron a seo, nam biodh iad a' tighinn airson deireadh na seachdain, dh'fheumadh iad a bhith a' cur cuairt mhòir timcheall a' Chluainnidh 's Inbhir Garradh," thuirt Ruairidh Moireach, a tha na stiùiriche air Urras Coimhearsnachd Shlèite.

"Ann an droch shìde a' Gheamhraidh cha robh sin uabhasach freagarach, agus bha gu leòr dhaoine nach robh a' tighinn.

"Cuideachd 's urrainn dhan cholaiste a-nise gnothaichean a chur air dòigh airson deireadh na seachdain.

"Nì sin feum mòr dhan sgìre - 's i sgìre mhòr turasachd a tha seo, agus a h-uile càil a thachras a bhios a' brosnachadh agus a' toirt misneachd dha sin, 's e rud math a th' ann dhan sgìre.

"Tha an sgìre seo air a bhith a' tagradh ri Mac a' Bhriuthainn o chionn bhliadhaichean, airson 's gun deadh seirbheis an aiseig a leasachadh, agus tha sin air tachairt a-nis," thuirt e.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy