|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Obair-leasachaidh air Eaglais na h-Aoidhe
|
||||||||||||||||||||||
Tòisichidh obair-leasachaidh air seann eaglais ainmeil ann an Leòdhas air an ath-mhìos.
Tha ceangal aig Eaglais na h-Aoidhe san Rubha ri cinnidhean 'ic Leòid, 'ic Neacail agus 'ic Coinnich. Tha Urras Eaglais na h-Aoidhe air £324,000 fhaighinn son cosg air an obair. 'S ann à Alba Aosmhor, Comhairle nan Eilean Siar, LEADER Innse Gall, Urras Steòrnabhaigh agus Comhairle Coimhearsneachd an Rubha a thàinig taic. Chaidh obair a dhèanamh mar tha gus an eaglais a dhìon bhon mhuir. Thèid an t-airgead ùr seo a chosg air an togalach fhèin a dhèanamh seasgair. "Tha iomadach bliadhna bhon a thòisich sinn ag iarraidh ath-leasachadh a thoirt air an togalach eachdraidheil seo", thuirt cathraiche Urras Eaglais na h-Aoidhe, Dòmhnall Crichton. "Tha sinn a-niste san ann an suidheachadh fortanach gu bheil sinn a' faighinn airgid son dèanamh cinnteach gu bheil e air a dhìon is gu bheil e sàbhailte airson a bhith air a cleachadh leis a' choimhearsnachd anns na bliadhnaichean a tha air thòiseach", thuirt e. San àm ri teachd tha an t-urras a' coimhead ri mullach a chur air an togalach agus obair a dhèanamh air a' chladh. Thuirt Mgr Crichton gur dòcha gum b'urrainn do chloinn aig sgoil ur na sgìre a dhol an sas ann am pròiseact mun chladh. Tha an t-urras dòchasach gum bi ùidh aig daoine bho air feadh an t-saoghail ann an eachdraidh na h-eaglaise agus mar sin gum bi i a' tarraing dhaoine dha na h-eileanan. Bidh an t-urras cuideachd a' stèidheachadh buidheann air am bi Caraidean Eaglais na h-Aoidhe agus dùil aca cuideachd làrach-lion ùr mun eaglais a chur air dòigh. |
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||