BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 26 An Dàmhair, 2011 - Air fhoillseachadh aig 10:50 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Acadamaidh Gàidhlig air fàire
 
Faclair Gàidhlig
Tha am Bòrd a' feuchainn ri cùisean a tharraing còmhla
Tha an t-àm ann Acadamaidh Gàidhlig a stèidheachadh airson briathrachas na Gàidhlig a thoirt air adhart san àm ri teachd, a rèir ceannard Bhòrd na Gàidhlig.

Tha Iain Aonghas MacAoidh ag ràdh gum brosnaicheadh seo co-obrachadh eadar oilthighean 's eile a tha a' cur faclairean ri chèile, agus gur e cuideachadh mòr a bhiodh ann a thaobh leasachadh a' chànain.

Tha an smuain mar phàirt de dh'iomairt a tha fa-near dhan Bhòrd buidhnean leasachaidh a' chànain a tharraing còmhla gus an obair aca a dhèanamh nas èifeachdaiche.

"Son bhliadhnaichean tha grunnan bhuidhnean agus daoine air a bhith ag obair air leasachadh cànain, a' dèanamh faclairean, a' coimhead ri briathrachas freagarach son an là an-diugh 's mar sin air adhart," thuirt Mgr MacAoidh.

"Aig amannan chan eil iad air a bhith a' dèanamh mòran còmhraidh ri chèile.

"Tha sinne a' smaoineachadh gu bheil an t-àm ann airson daoine a tharraing ri chèile, gun obraich iad a-mach dè na prìomhachasan a bu chòir a bhith ann.

"Bhiodh a' bhuidheann (an Acadamaidh) ann gu cunnbhalach. Bhiodh iad a' coinneachadh aig aon ìre dà thuras sa bhliadhna.

"Ach bidh buidhnean obrach ag obair gu cunnbhalach o sheachdain gu seachdain a' cur na h-obrach air adhart," thuirt e.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy