|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Sanasachd dà-chànanach a' fàs nas cumanta sna bùithdean
|
||||||||||||||||||||||
Tha na tha de chompanaidhean agus bhuidhnean prìobhaideach a tha a' cleachdadh shoidhnichean dà-chànanach - sa Ghàidhlig agus
sa Bheurla - air a dhol am meud.
Sin a rèir rannsachaidh neo-eisimeilich a chaidh a dhèanamh air sgeama Comunn na Gàidhlig (CnaG) a tha a' toirt taic-airgid do bhuidhnean son an cuideachadh a thaobh a bhith a' pàigheadh airson nan soidhnichean. Is coltach cuideachd gu bheil a' mhòr-chuid de dhaoine a' cur taic ris na soidhnichean. Chan eil ach bliadhna air fhàgail den sgeama, agus tha CnaG a' sireadh tuilleadh iarrtasan. Margaidheachd Chosg CnaG £94,000 ann an taic-airgid do 148 pròiseactan air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean thar an seachd bliadhna mu dheireadh. "Tha an rannsachadh seo a' dearbhadh dhuinn dìreach dè cho feumail 's a tha an sgeama seo," thuirt Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill. "Tha sinne air a bhith a' cumail taic ri gnìomhachasan agus buidhnean coimhearsnachd le soidhnichean dà-chànanach o chionn faisg air deich bliadhna mur a h-eil an còrr. "Ach tha sinn air rannsachadh neo-eisimeileach a dhèanamh le cuideigin a tha eòlach air an obair a tha sin, agus tha iad a' dearbhadh dhuinn gu bheil na buidhnean agus na gnìomhachasan a' cur luach anns an sgeama. Tha iad fhèin a' faicinn gu bheil iad a' faighinn rudeigin math a-mach às. "'S e an t-adhbhar as motha, margaidheachd. Tha e a' toirt inbhe nas àirde dhan bhuidhinn no dhan ghnìomhachas acasan. "Bha sinn a' feuchainn ri dhèanamh a-mach an robh e gu feum dhaibh a thaobh teachd-a-steach. "Ach tòrr de na companaidhean seo, 's e buidhnean gu math beag a th' annta, agus tha e dha-rìribh duilich dhaibhsan sin a dhèanamh a-mach. "Bha beagan de bheachd ann gun robh e a' toirt barrachd teachd-a-steach dhaibh. "'S e amasan an sgeama, dìreach Gàidhlig a thoirt gu aire an t-sluaigh, agus tha an rannsachadh air dearbhadh gu bheil còrr is millean neach a' faicinn Gàidhlig gach bliadhna air sàilleabh nan soidhnichean seo. "Tha sinn a' toirt seachad suas ri £2,000 gu gach pròiseact, sin aig a' char as àirde. "A bharrachd air sin bidh sinn a' toirt dhaibh cuideachaidh le eadar-theangachadh, no comhairle fiù 's a thaobh cruth nan soidhnichean," thuirt e. Tha CnaG an-dràsta a' sireadh dòigh air an sgeama a chumail a' dol, as dèidh dha tighinn gu crìch an ceann bliadhna. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||