|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Taic do bhuidhinn sheirbheisean poblach sna h-Eileanan
|
||||||||||||||||||||||
Chuir Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, taic ri molaidhean gum bi buidhnean ris am biodh seirbheisean poblach an urra stèidhichte
anns na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn.
Chaidh a' chùis a dheasbad aig Còmhdhail na Gàidhealtachd 's nan Eielan ann an Coit a' Ghartain. Mhol ùghdarrasan ionadail nan sgìrean sin mar thà gum biodh aon bhuidhinn anns gach àite a bhiodh a' dèiligeadh ri obair an NHS, na Comhairle agus gnothaichean eile san roinn phoblaich. Tha iad ag ràdh gun cumadh leithid de bhuidhnean ionadail fa leth obraichean sna sgìrean eileanach. "Tha an argamaid a' tighinn bho Shealtainn agus na h-Eileanan an Iar, gum biodh na h-Eileanan na b'fheàrr dheth nam biodh aon bhuidhinn phoblach ann an Sealtainn, no ann an Arcaibh no anns na h-Eileanan an Iar," thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan. "Bhiodh iad a' dèiligeadh leis a' h-uile rud bho shlàinte gu seirbheisean na Comhairle, gu Bòrd nam Poileas 's dòcha. "Bha còmhradh ann eadar an Riaghaltas agus na trì chomhairlean sin mu dheidhinn sin. "Tha iad a' cur seachad na h-argamaid gum biodh e na bu shìmplidhe seirbheisean a chumail a' dol, le biurocrasaidh nas lugha. "'S e beachd a th' ann, chan e poileasaidh a th' ann. "Bha deasbad a' dol mu dheidhinn nan rudan sin, agus tha mi an dòchas gum bi barrachd a' nochdadh a-mach às," thuirt e. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||