|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Gallaich leagte ri leasachadh na Gàidhlig
|
||||||||||||||||||||||
Tha daoine ann an Gallaibh leagte ri leasachadh Gàidhlig san sgìre, ach feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd a bhith faiceallach
ciamar a nì iad e.
Sin an teachdaireachd a thàinig à coinneimh a chaidh a chumail ann an Inbhir Theòrsa oidhche Luain, mar phàirt de cho-chomhairleachadh air Plana Gàidhlig ùr na Comhairle. Cha robh ach mu 20 duine aig a' choinneimh, agus diofar bheachdan aca. Bha a' chuid mhòr taiceil don chànan, ach airson 's gun gabhadh a' Chomhairle air an socair leis a' Ghàidhlig ann an Gallaibh, agus gun dèanadh iad cinnteach gun robh sluagh na sgìre leotha. Taic a dhìth Bha cuideachd feadhainn a tha an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig san sgìre, leithid feadhainn a tha a' ruith chròileagan is eile, ag ràdh nach robh iadsan a' faighinn na taic air an robh iad feumach, agus gum feumadh a' Chomhairle an taic sin a thoirt dhaibh. Bha beachd ann gun robh am Mòd Nàiseanta Rìoghail, a chaidh a chumail an-uiridh ann an Gallaibh, air Gàidhlig a thoirt gu aire mòran dhaoine. Chaidh a ràdh cuideachd gun robh BBC ALBA air an cànan a thoirt a-steach gu dachannan dhaoine far nach robh i riamh roimhe. Cha robh na bha sin de thaic ge-tà, airson soidhnichean-rathaid sa Ghàidhlig san sgìre. 'S e poileasaidh na Comhairle soidhnichean-rathaid dà-chànanach a chur an-àirde air feadh na Gàidhealtachd. Thuirt aon chomhairliche Gallach, a bha roimhe gu mòr an aghaidh leasachadh na Gàidhlig san sgìre, Graeme Mac a' Ghobhainn, gun robh esan a-nis a' cur taic ris a' Phlana Ghàidhlig. Chuir buidheann de chomhairlichean na sgìre an aghaidh shoidhnichean-rathaid dà-chànanach san sgìre, agus iad draghail gum mùchadh sin dualchas Lochlannach Ghallaibh. Tha Mgr Mac a' Ghobhainn ag ràdh gu bheil e a-nise na bhall de Chomataidh Gàidhlig na Comhairle, agus gun robh e a' faireachdainn gun robh an t-seann phlana ga sparadh air daoine gu ìre, 's nach robh co-chomhairleachadh ceart ann. Thuirt e gun robh esan a' faireachdainn gun robh barrachd cho-chomhairleachaidh air a bhith ann mun phlana ùr. Tha e fhathast ge-tà, amharasach gun tèid cus a chosg air leasachadh na Gàidhlig air a' Ghàidhealtachd. |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Brosnaichidh a' Chomhairle Foghlam Gàidhlig24 An Dàmhair, 2011 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||