|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Coinneamh mu sheirbheis dhotair Ghleann Eilge
|
||||||||||||||||||||||
Cha deach co-dhùnadh a ghabhail air na tha an dàn do sheirbheis slàinte Ghleann Eilge agus Àrnasdail aig coinneamh de NHS
na Gàidhealtachd an diugh.
Tha dragh air muinntir na sgìre gu bheil am bòrd slàinte am beachd an t-seirbheis a lughdachadh is bha feadhainn dhuibh a' togail fianais taobh a-muigh na coinneimh ann an Inbhir Pheofharain. Bha dithis dhotairean pàirt-ùine stèidhichte san sgìre agus tha iad sin cuideachd a' frithealadh a' phobaill taobh a-muigh nan amannan àbhaisteach. Dh'fhàg fear dhen na dotairean bho chionn ghoirid agus tha dotair locum na àite-san an-dràsta. Ach le NHS na Gàidhealtachd a' sgrùdadh na seirbheis a tha iad a' tabhann san sgìre, tha dragh mòr air cuid mu na dh'fhaodadh tachairt anns na mìosan a tha romhainn. Sàbhailteachd Tha muinntir an àite ag ràdh gum feum an t-seirbheis fuireach mar a tha i an-dràsta agus nach biodh iad deònach gabhail ri lùghdachadh sam bith. Tha iad ag ràdh, le cho iomallach 's a tha an sgìre, 's an carbad-eiridinn as fhaisge orra còrr is uair a thìde air falbh, agus gun ospadal càil nas fhaisge na an t-Ath Leathann, gu bheil dithis dhotairean a dhìth. Dh'fhàg luchd-iomairt cuideachd air NHS na Gàidhealtachd nach do rinn iad conaltradh ceart mu bhith ag atharrachadh na seirbheis. Chaidh NHS na Gàidhealtachd às àicheadh sin agus iad a' cumail a-mach gun deach bruidhinn ris a' choimhearsnachd. Tha iad ag ràdh cuideachd gum bi dotair a' frithealadh na sgìre anns an àm ri teachd. Thuirt am bòrd aig a' choinneimh iad gur ann sa Ghearran a thig co-dhùnadh air an t-seirbheis. Gheall muinntir na sgìre gun cum iad orra a a' strì airson an t-seirbheis a ghlèidheadh. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||