BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 24 An Dàmhair, 2011 - Air fhoillseachadh aig 11:40 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Brosnaichidh a' Chomhairle Foghlam Gàidhlig
 
Gàidhlig
Tha an treas cuid de chloinn sgoile na Gàidhlig air a' Ghàidhealtachd
Thèid Comhairle na Gàidhealtachd a-mach a bhrosnachadh phàrantan an cuid chloinne a chur tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Seach fuireach air iarrtas bho phàrantan fhèin, 's e sin prìomh amas Plana Gàidhlig ùir na Comhairle.

Tòisichidh co-chomhairleachadh air a' phlana Oidhche Luain, le coinneamh ann an Inbhir Theòrsa.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil leasachadh na Gàidhlig ann an Roinn na Gàidhealtachd bunaiteach ma tha an cànan gu bhith beò ann an Alba.

'S ann san sgìre a tha an treas cuid de chloinn ann an Alba a th' ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Ruithidh am Plana Gàidhlig ùr eadar 2012 agus 2017.

Thèid a' chiad choinneamh a chumail ann an Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa oidhche Luain aig 7:00f.

Bidh coinneamhan eile gan cumail air feadh na Gàidhealtachd eadar seo agus 2na an t-Samhain.

Coimheadar air sia cuspairean: Gàidhlig san dachaigh; Gàidhlig sa choimhearsnachd; Gàidhlig ann am foghlam; Gàidhlig sna h-ealain, na meadhanan agus dualchas; Gàidhlig ann an leasachadh eaconamach.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy