BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 24 An Dàmhair, 2011 - Air fhoillseachadh aig 11:05 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Aiseag Sàbaid air seòladh às an Tairbeart
 
MV Innse Gall (Dealbh: Undiscovered Scotland)
B'i slighe an Tairbeart an tè mu dheireadh gun seirbheis air an t-Sàbaid
Sheòl bàt-aiseig le luchd-siubhail air bòrd a-mach às an Tairbeart air an t-Sàbaid son a' chiad uair air an deireadh sheachdain.

B' i seo an t-slighe mu dheireadh sna h-Eileanan an Iar air nach robh seirbheis seachd là san t-seachdain.

Cha robh duine air a' chidhe a' togail fianais ged a tha e coltach gu bheil mòran sna Hearadh mì-thoilichte mu dheidhinn.

Chaidh fhàgail air Caledonian Mac a' Bhriuthainn, a tha a' ruith sheirbheisean aiseig sna h-Eileanan, gu bheil iad coma-co-dhiù mu bheachdan an t-sluaigh air aiseag air an t-Sàbaid.

Roimhe seo, dh'fhàg bàta an Tairbeart air an t-Sàbaid, ach às aonais luchd-siubhail, 's i a' dèanamh air Uibhist a Tuath, gus seirbheis a ruith eadar Loch nam Madadh agus Ùige an Eilein Sgitheanaich air an t-Sàbaid.

Tha Cal Mac ag ràdh gun do rinn iad an co-dhùnadh as dèidh co-chomhairleachadh poblach a chumail.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy