![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
|||||||||||||||||
![]() |
![]() |
||||||||||||||||||||||
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Còrr is 500,000 a' coimhead BBC ALBA
|
||||||||||||||||||||||
Bidh mu 530,000 inbheach a' coimhead an t-seanail TBh Ghàidhlig BBC ALBA gach seachdain, a rèir fhigearan ùra.
Chaidh na figearan an-àirde as dèidh don t-seanal a dhol air Freeview agus Virgin Media Cable san Ògmhios. Ron Ògmhios, bha mu 220,000 ga choimhead gach seachdain. 'S ann à Alba a-mhàin a tha na figearan, agus chan eil iad a' gabhail a-steach feadhainn anns a' chòrr den R.A, no feadhainn fo 16 bliadhna de dh'aois. "Tha e taitneach dha-rìribh gu bheil sinn air àireamhan fhaighinn, agus dearbhadh againn a-nis gu bheil barrachd is leth-mhillean de luchd-amhairc aig BBC ALBA gach seachdain," thuirt Cathraiche MG ALBA, Alasdair Moireasdan. "Tha sin air èirigh gu mòr bhon t-suidheachadh a bh' againn anns a' chiad trì bliadhna. "Ach a' mhionaid a fhuair sinn air Freeview, tha dearbhadh cinnteach againn a-nis gu bheil barrachd luchd-amhairc a' tighinn a dh'fhaicinn phrògraman BhBC ALBA," thuirt e. Tha Ceannard na Seirbheis, Màiread Màiri Mhoireach, ag ràdh gu bheil na figearan a' sealltainn gu bheil daoine a' cur luach air na prògraman. "Tha sinn a' faighinn an aon sheòrsa theachdaireachdan 's a tha sinn air a bhith a' faighinn bho thòisich BBC ALBA," thuirt i. "Tha daoine a' tighinn a-steach a shealltainn ri ar prògraman aithriseach, ri prògraman ciùil - agus tha farsainneachd de phrògraman ciùil againn air BBC ALBA - agus cuideachd ris na spòrsan eadar-dhealaichte a th' air an t-seanal. "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' toirt teachdaireachd gu math làidir gu bheil sluagh ann an Alba a' tighinn a-steach a dh'ionnsaigh BBC ALBA. "Tha iad a' faicinn phrògraman a chòrdas riutha, agus cuideachd, air sgàth 's gu bheil fo-thìotalan ann, tha tòrr a bharrachd air daoine aig a bheil Gàidhlig a' faicinn luach anns na prògraman againn," thuirt i. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|