|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Duais dha Fàs Mòr
|
||||||||||||||||||||||
|
Chaidh Fàs Mòr, ionad cùraim chloinne ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ainmeachadh mar Ghnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna.
Tha an t-ionad stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig. Gheibh iad duais £3,000 san fharpais a th' air a ruith le Comunn na Gàidhlig. Tha còrr air 70 leanabh clàraichte aig Fàs Mòr, a tha ag obair air fad tro mheadhan na Gàidhlig. Thuirt manaidsear an ionaid, Kathryn NicAoidh, air Aithris na Maidne, gur e "rud mòr a th' ann dha Fàs Mòr" an duais a chosnadh. Bha i ag ràdh cuideachd gu bheil planaichean aca airson leudachadh. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||