BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 06 An Dàmhair, 2011 - Air fhoillseachadh aig 10:32 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Rabhadh gun a bhith ag òl uisge an Uibhist a Tuath
 
Griomsaigh
'S e Griomsaigh fear dhe na h-àiteachan far a bheil rabhadh ann
Thathar a' comhairleachadh do dhaoine eadar Scolpaig agus Griomasaigh ann an Uibhist a Tuath gun uisge an tap òl neo chleachdadh ann an còcaireachd ri linn ìrean àrd de dh'aluminium.

Tha eòlaichean slàinte ag ràdh, ge-tà, nach eil mòran cunnart ann do shlàinte a' phobail.

A rèir fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Ùisdean Robasdan, tha an suidheachadh air leantainn na b' fhaide na bha dùil:

"'S ann Disathairne, air an deireadh sheachdainn sa chaidh, a thug mi an aire gu robh tancairean a' slaodadh uisge à Beinn na Faoghla a Cheann a' Bhàigh agus 's ann an nuairsin a thòisich sinn a' dèanamh rannsachaidh," thuirt e.


Draghan

Tha e ag ràdh gun deach innse dha gu robh trioblaidean air a bhith aig ionad an uisge ann an Ceann a' Bhàigh airson dhà neo trì seachdainean.

 "Tha e caran tàmailteach nach robh am fiosrachadh sin againn o chionn fhada."
 
An Comh Ùisdean Robasdan

"'S e an dragh a th' oirnn gu bheil iad air tòrr airgid a chosg air an ionad a tha seo ann an Ceann a' Bhàigh agus tha e caran draghail ma tha rudan a' dol ceàrr aig an ìre seo," thuirt e.

Mìneachadh

Tha Mgr Robasdan dhen bheachd gur e mearachd a bh' ann obair manaidsear airson Uibhist a Tuath agus Barraigh a thoirt air falbh:

"Bha dragh oirnn aig an àm agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e follaiseach a-nis nach e rud math a bh' ann," thuirt e.

Thuirt Mgr Robasdan gun d' fhuair e gealltanas bho Uisge na h-Alba gum faigheadh iad mìneachadh mionaideach air dè chaidh ceàrr aon uair 's gun tèid a chur ceart.

Chan eil fhios aig eileanaich dè cho fada 's a mhaireas an suidheachadh.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy