|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Taigh-staile san amharc do na Hearadh
|
||||||||||||||||||||||
Chaidh planaichean a chur air adhart son taigh-staile a thogail anns na Hearadh.
Tha Comhairle nan Eilan Siar a' beachdachadh air an iarrtas airson làrach air an Tairbeart. Tha a' chompanaidh Isle of Harris Distillers son taigh-staile agus pàirc-chàraichean a thogail air làraich aig an Loch an Ear air an Tairbeart. 'S e a' chompanaidh Fraser Architecture à Càirinis an Uibhist a Tuath a dhèanadh an obair-togail. Thathas am beachd mac-na-braiche a dhèanamh san taigh-staile, agus dh'fhaodadh gun rachadh suas ri 20 obraichean a chruthachadh. Tha a' chompanaidh airson ceanglaichean a dhèanamh le croitearan na sgìre is gum fàsadh iadsan eòrna a bhiodh freagarrach son uisge beatha a dhèanamh. Ma thèid cead-dealbhachaidh a thoirt seachad tha an luchd-leasachaidh airson is gun tòisich obair-togail ro dheiradh na bliadhna, is obair air an uisge-bheatha fhèin a chruthachadh gus tòiseachadh ann an 2015. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||