BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 18 An Lùnastal, 2011 - Air fhoillseachadh aig 11:01 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Taic mhòr don Ghàidhlig ann an Alba
 
Gàidhlig
Dh'iarradh mòran barrachd chothroman son Gàidhlig ionnsachadh
Tha muinntir na h-Alba a' toirt taic mhòir don Ghàidhlig, a rèir rannsachaidh a rinneadh do Riaghaltas na h-Alba.

Tha 90% den bheachd gum bu chòir cothrom a bhith aig clann-sgoile air feadh na dùthcha an cànan ionnsachadh ma tha iad ga iarraidh.

Tha cuideachd dà thrian den bheachd gum bu chòir barrachd chothroman a bhith ann don a h-uile duine Gàidhlig ionnsachadh.

Rinneadh an rannsachadh le 1,009 duine air feadh Alba, feadhainn le Gàidhlig 's feadhainn aig nach eil an cànan.

"Tha fianais againn a-nis, agus tha sin gu math feumail airson an Riaghaltais, agus tha fhios againn a-nis gu bheil a' mhòr-chuid ann an Alba gu math taiceil don chànan," thuirt Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan.

"Bha 51% ag iarraidh gum biodh a' Ghàidhlig ga cleachdadh nas motha.

"Bha 9% na h-aghaidh, agus a h-uile duine eile, 38% coma co-dhiù.

"An dealbh a tha a' nochdadh, chan e gu bheil cuid mhòr ann an Alba an aghaidh na Gàidhlig, 's e cuid gu math beag - ach gu bheil cuid gu math mòr ann agus chan eil càil de dh'fhios aca mu dheidhinn na Gàidhlig idir.

"Bha ceistean anns an rannsachadh mu "a bheil thu ag iarraidh gum biodh seirbheisean poblach gan toirt seachad anns a' Ghàidhlig," agus gum biodh barrachd sheirbheisean air an toirt seachad anns a' Ghàidhlig.

"Bha a' mhòr-chuid ag ràdh gun robh iad ga iarraidh.

"Cha robh a h-uile duine air a shon, ach bha a' mhòr-chuid air a shon.

"Ged a tha daoine ann a tha an aghaidh na Gàidhlig, chan eil mòran dhiubh ann.

"Tha e inntinneach, na daoine òga ann an Alba, tha iad nas taiceile dhan Ghàidhlig na tha na seann daoine ann an Alba.

"Agus cuideachd - 's cha robh fhios agam mu dheidhinn seo - a rèir an rannsachaidh seo co-dhiù, tha daoine beartach nas an aghaidh na Gàidhlig ann an dòigh, na tha daoine bochda," thuirt e.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy