BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 08 An Lùnastal, 2011 - Air fhoillseachadh aig 11:01 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Là-fosgailte mu ionad Hiort
 
Hiort
Bha strì làidir eadar grunn sgìrean a bha ag iarraidh an ionaid
Tha fear de chomhairlichean sgìre Ùig ann an Leòdhas a' dèanamh dheth gum faodadh an t-ionad ùr mu Hiort, a thèid a stèidheachadh anns an sgìre, a bhith deiseil an ceann trì bliadhna eile.

Bha Tormod Dòmhnallach a-measg na bha an làthair aig là-fosgailte Dihaoine a thug cothrom do mhuinntir an àite barrachd fhaighinn a-mach mun ionad ùr.

Chaidh co-dhùnadh gur ann ann an Ùig a dheadh an t-ionad a thogail as dèidh farpais làidir eadar grunn sgìrean eileanach, a bha a' cumail a-mach gur ann aca-san a bha an ceangal a bu dhlùithe ri Hiort.

 Chan eil mòran obraichean anns a' choimhearsnachd a tha seo agus tha sinn an dòchas gun dèan e cuideachadh mòr mòr dhuinn.
 
Iain Bochanan

Chaidh companaidh a stèidheachadh bho chionn ghoirid airson na planaichean a thoirt air adhart.

Buannachd mhòr

Thuirt Iain Bochanan, a tha na chathraiche air a' chompanaidh sin, gur e tòiseachadh air airgead a shireadh airson a' phròiseict an ath-rud a bhiodh aca ri dhèanamh.

Tha iad an dòchas airgead fhaighinn bhon Riaghaltas, bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus bhon Chrannchar Nàiseanta, thuirt e.

Tha Mgr Bochanan dhen bheachd gum faodadh an t-ionad a bhith na fhìor bhuannachd dhan sgire.

"Chan eil mòran obraichean anns a' choimhearsnachd a tha seo agus tha sinn an dòchas gun dèan e cuideachadh mòr mòr dhuinn", thuirt e.

Tha an fheadhainn a th' air cùl nam planaichean an dòchas gum bi an t-ionad ùr na tharraing mhòr do luchd-turais 's e a' toirt beachd dhaibh air mar a bha beatha nan Hiortach mus do dh'fhàg iad an t-eilean ann an 1930.

 
 
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy