BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 22 An t-Iuchar, 2011 - Air fhoillseachadh aig 11:06 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
"Strì a' leantainn" airson Raon Rocaidean Uibhist
 
Raon nan Rocaidean
Tha Raon Uibhist a' cumail cosnaidh ri mu 200 duine
Tha a' bhuidheann a bha a' strì airson Raon Rocaidean Uibhist a chumail fosgailte ag ràdh gun lean an obair aca, ged a dhearbh Ministrealachd an Dìon Dihaoine gu bheil an t-àite sàbhailte airson co-dhiù còig bliadhna eile.

Bha dragh ann bho chionn bliadhna gu robh an t-ionad ann an cunnart dùnadh, agus a' chompanaidh a tha ga ruith as leth an MoD, QinetiQ, airson a ghluasad dhan Chuimrigh.

Ach shoirbhich le iomairt a rinn muinntir na sgìre agus Comhairle nan Eilean Siar airson a ghlèidheadh.

Chaidh an raon a stèidheachadh anns na leth-cheudan, agus tha e an-diugh a' cumail cosnaidh ri mu 200 duine.

Strì

Thuirt Aonghas MacIlleMhaoil bhon bhuidhinn-ghnìomh a bha a' strì airson an goireas a ghlèidheadh gum bi an obair aca-san a' leantainn a dh'aindeoin 's na dh'ainmich Ministrealachd an Dìon.

Tha obair fhathast a' dol gu dùthchannan eile, thuirt e, a ghabhadh a dhèanamh ann an Uibhist.

"Chan eil sinn a' dol ga fhàgail aig an seo idir - tha obair fhathast a' dol a-null thairis a dh'Astrailia, dhan na Stàitean a dh'fhaodadh a dhèanamh an seo" thuirt e.

A thuilleadh air an naidheachd gum fuirich an goireas fosgailte airson co-dhiù còig bliadhna eile, chaidh ainmeachadh cuideachd gun tèid obair-leasachaidh a dhèanamh air.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy