|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Dàrna bun-sgoil Ghàidhlig ga h-iarraidh an Inbhir Nis
|
||||||||||||||||||||||
Tha luchd-iomairt ag ràdh gum bu chòir an dàrna bun-sgoil Ghàidhlig a thogail ann an Inbhir Nis.
Tha Comann nam Pàrant ann an Inbhir Nis ag ràdh gu bheil cho mòr 's a tha na h-àireamhan sa chròileagan a' ciallachadh gum bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd coimhead ris an t-suidheachadh. Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cur romhpa dà sgoil Ghàidhlig ùr eile a stèidheachadh - tè sa Ghearasdan agus tèile ann am Port Rìgh - a dh'aithghearr. Ann an Inbhir Nis, bha beagan is 100 sgoilear san sgoil nuair a dh'fhosgail i ann an 2007. Tha Cathraiche na buidhne, Dawn Mhorgan, draghail nach tig fàs air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile mur a gabh a' Chomhairle an cothrom. "Gach bliadhna tha rud beag fàs air a bhith ann," thuirt i. "An ath-sheisean, tha 156 gu bhith san sgoil fhèin bho P1 gu P7, agus tha na h-àireamhan san sgoil-àraich sònraichte àrd. "Tha 72 gu bhith san sgoil-àraich eadar bliadhnaichean 3 is 4 an ath-bhliadhna. "Ma leanas am fàs a tha sin tha an sgoil gu bhith ro bheag an ceann beagan bhliadhnaichean. "Tha sinn a' coimhead air suidheachadh ann an Glaschu, far an d'fhuair iadsan sgoil mus d'fhuair sinn i. "Tha mi a' smaoineachadh gun do dhùblaich na h-àireamhan ann an Glaschu taobh a-staigh còig bliadhna. "Tha sinn a' leantainn, rud beag nas slaodaiche, an aon sheòrsa pàtrain an seo. "Tha sinn airson 's gun coimhead a' Chomhairle air an t-suidheachadh an-dràsta, agus gun smaoinich iad air an rathad air adhart, gus nach bi sinn anns an t-suidheachadh an ceann còig bliadhna far a bheil an sgoil làn agus gum feum iad stad a chur air daoine a' tighinn a-steach. "Tha sinn ag iarraidh gum fàs a' Ghàidhlig ann an Inbhir Nis, agus ma tha iarrtas ann, bu chòir dha a bhith air a choileanadh. "Chanainn gu bheil sinn a' bruidhinn air co-dhiù còig bliadhna, 's dòcha nas fhaide. "Ach 's e an rud as cudromaiche gun tòisich iad coimhead air agus smaoineachadh air mar a ghabhadh e dèanamh," thuirt i. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||