BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 21 An t-Ògmhios, 2011 - Air fhoillseachadh aig 10:33 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Foghlam Gàidhlig "na eisimpleir do chàch"
 
Gàidhlig
Tha an aithisg a' leantainn air tèile bho 2005
Tha aithisg ùr a rinn Luchd-Sgrùdaidh nan Sgoiltean ag ràdh gum faodadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba a bhith na eisimpleir do chàch.

Thuirt an aithisg gun dèanadh ro-innleachd sgrìobhte nàiseanta air foghlam Gàidhlig - nach eil ann an-dràsta - feum mòr do dh'fhoghlam Gàidhlig aig gach ìre.

Dh'fhaodadh an stiùireadh sin cuideachd eisimpleirean a thoirt do dhùthchannan eile air mar a ghlèidhear 's a bhrosnaichear mion-chànan.

Tha an aithisg cuideachd a' togail air na laigsean a tha an Luchd-Sgrùdaidh a' faicinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Bacadh

'S e seo an dàrna aithisg a tha ag ràdh nach eil foghlam Gàidhlig idir aig an aon ìre san àrd-sgoil 's a tha e anns a' bhun-sgoil, 's gu bheil sgoilearan air an call don chànan nuair a thèid iad air adhart gu foghlam Beurla san àrd-sgoil.

Tha gainnead thidsearan àrd-sgoile a tha a' teagasg chuspairean seach Gàidhlig tro mheadhan a' chànain a' bualadh air sin.

Thog an aithisg cuideachd gu bheil ceannardan foghlaim ag ràdh gu bheil dìth eòlais acasan air a' Ghàidhlig a' cur bacadh orra bho bhith a' toirt sùil gu ceart air leasachadh foghlam Gàidhlig.

Mhol an Luchd-Sgrùdaidh cuideachd mar a tha inbhe na Gàidhlig san lagh agus ann am beatha phoblach na h-Alba a' cur ri seasamh a' chànain, 's gu bheil pàrantan ag ràdh gur e deagh rud a th' ann am foghlam tron chànan.

Chuir Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, fàilte air an aithisg, ag ràdh gum biodh e gu feum do dh'fhoghlam Gàidhlig, agus foghlam na h-Alba san fharsainneachd.

Thuirt e cuideachd gu bheil e an dòchas gum beachdaich an fheadhainn a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig air na puingean a chaidh a nochdadh mu laigsean, agus rudan a tha a' cur bacadh air adhartas.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy