http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

17 An Cèitean, 2011 - Air fhoillseachadh aig 15:55 BST

BBC ALBA a' dol air Virgin Media

Thèid an sianal telebhisein Gàidhlig, BBC ALBA, a shealltainn air seirbheisean càbal Virgin bho a-màireach.

Gheibh daoine cuid de phrògraman an t-sianail tron t-seirbheis On Demand mar thà.

Ach bidh na prògraman air fad ri fhaotainn a-nis air sianal 188.

Tha dùil ri dearbhadh a dh'aithghearr air cuin a bhios an t-seirbheis ri fhaighinn air Freeview.

Chaidh innse aig àm na Nollaige gun deadh an sianal air Freeview as t-Samhradh am bliadhna.