|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Buidseat sìos
|
||||||||||||||||||||||
|
Thàinig e am follais nach bi faisg uidhir de dh'airgead-calpa 's a bha dùil aig Comhairle na Gàidhealtachd air an ath-thrì
bliadhna.
Thèid iarraidh air Comhairlichean Diardaoin gabhail ri buidseat calpa ùr airson trì bliadhna, agus anns am bi còrr is £90m nas lugha na chuir iad romhpa anns an Ògmhios an-uiridh. Thàinig lùghdachadh air a' bhuidseat ri linn 's nach tig uiread de dh'airgead bhon riaghaltas 's a bha iad an dùil. Ach, thuirt an comhairliche Daibhidh Alston, a tha os cionn buidseatan na comhairle, gur e deagh naidheachd a th' ann gun tèid aca fhathast air na pròiseactan calpa a bh' anns an amharc aca a thoirt gu buil. |
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||