BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 19 An Giblean, 2011 - Air fhoillseachadh aig 09:36 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Co-dhùnadh mu sgoiltean Earra-Ghàidheal 's Bhòid
 
Soidhne na Comhairle
Tha na planaichean air tòrr chonnspaid adhbharachadh
Thèid co-chomhairleachadh poblach a dhèanamh air planaichean gus 11 sgoiltean a dhùnadh ann an Earra-Ghàidheal 's Bòd.

Tha dhà dhe na sgoiltean sin - Sgoil an Naoimh Chiarain ann an Ceann Loch Chille Chiarain, agus Sgoil Àird Chonghail ann an Dail Mhàilidh, dùinte an-dràsta co-dhiù, leis nach eil sgoilearan sam bith annta.

'S iad na sgoiltean eile a tha air liosta na Comhairle: Bòd a Tuath, Tollard, Lus, Achadh na Leamhna, Àird Chatain, Mionaird, Rubha na h-Aoireann, An Clachan agus Sgibinis.

'S e Learg na h-Uinnsinn an aon sgoil a chaidh a thoirt far na liosta.

Iomairt

Bha planaichean aig a' Chomhairle an toiseach airson 25 sgoil a dhùnadh ach b' fheudar dhaibh sin a leigeil às.

Bha pàrantan a' togail fianais taobh a-muigh oifisean na Comhairle fad deich uairean de thìde Dimàirt fhad 's a bha comhairlichean a' deasbad nam molaidhean.

Thig comhairlichean gu co-dhùnadh cinnteach mu bhith a' dùnadh nan sgoiltean anns an Damhair le dùil gun dùineadh iad aig àm na Nollaige.

Mur a bi daoine riaraichte le co-dhùnadh na Comhairle aig an àm sin, bidh trì seachdainnean aca iarraidh air an Riaghaltas a dhol an sàs anns a' chùis - mar a thachair roimhe le cuid de sgoiltean nan Eilean Siar.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy