BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 23 Am Màrt, 2011 - Air fhoillseachadh aig 10:41 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Coinneamh mu Oighreachd na Pàirce
 
Loch Odhairn
Thèid a' choinneamh a chumail ann an Grabhair
Cumaidh Urras na Pàirce coinneamh phoblach air Dihaoine 25mh am Màrt gus fiosrachadh a chumail ri buill agus daoine eile a tha a' fuireach san sgìre mu cho-dhùnadh an Riaghaltais cead-ceannach air an oighreachd a thoirt don Urras.

Thèid a' choinneamh a chumail ann an Sgoil na Pàirce ann an Grabhair.

Thug Riaghaltas na h-Alba cead seachad an oighreachd a cheannach an aghaidh toil an uachdarain, Barry Lomas, fo Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn (2003), Diluain.

'S e a' chiad uair a chaidh cead a thoirt seachad an aghaidh toil uachdarain.

Aig a' choinneimh, mìnichidh luch-stiùiridh an Urrais na h-ath-cheumanan a dh'ionnsaigh an oighreachd a cheannach.

Canaidh iad cuideachd gu bheil iad an dòchas còmhraidhean a chumail leis an uachdaran a-rithist feuch an oighreachd air fad a thoirt seachad gu saor-thoileach.

Aig an ìre seo, 's e fearann a' chùl-chinn a thèid a cheannach, ach tha an t-Urras ag amas air an oighreachd gu lèir a bhith ann an làmhan na coimhearsnachd aig a' cheann thall.

Mìnichidh a' bhuidheann cuideachd na roghainnean a tha romhpa a thaobh maoineachadh fhaighinn.

Thèid beachd na coimhearsnachd iarraidh a-rithist nuair a tha neach-measaidh neo-eisimeileach air luach na h-oighreachd a thomhas.

Dh'fheumadh a' choimhearsnachd an uair sin co-dhùnadh co-dhiù a bheil iad airson a dhol air adhart, agus bidh sia mìosan aca an t-airgead a thogail.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Cead do dh'iomairt Urras na Pàirce
21 Am Màrt, 2011 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy