|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Faisg air £1m air ainmeachadh do sgoiltean Gàidhlig
|
||||||||||||||||||||||
Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a' mìneachadh mar a thèid £976,000 de dh'airgead calpa bho Mhaoin nan Sgoiltean Gàidhlig
a roinn a-mach.
Am measg eile gheibh sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu agus Inbhir Nis airgead son phròiseactan leudachaidh agus thèid ionad ionnsachaidh ùr a stèidheachadh san Òban. Thèid £350,000 gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu airson goireasan spòrs a-muigh a leasachadh. Fhuair Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid £280,000 airson Ionad Ionnsachaidh ùir san Òban, agus airson goireasan teicneolais agus ioma-mheadhanach aig Àrd-Sgoil an Òbain a leasachadh. Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd còrr is £200,000 airson an obair gus Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a leudachadh. Ann am meadhan na h-Alba fhuair Comhairle Siorrachd Lannraig a tuath còrr is £100,000 airson seòmraichean teagaisg aig Àrd-Sgoil Greenfaulds a leasachadh agus goireasan IT ùrachadh. Thathas air àrdachadh fhaicinn anns na tha de sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba, le leudachadh gu h-àraid ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, Dùn Èideann, Glaschu, air a' Ghàidhealtachd, agus ann an Siorrachd Pheairt is Chinn Rois. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||