BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 15 An Gearran, 2011 - Air fhoillseachadh aig 10:28 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Làbaraich a' gealltainn gun lean an RET dha na h-Eileanan Siar
 
MV Eilean Leòdhais
Tha an sgeama a' toirt lùghdachaidh air faraidhean aiseig
Gheall am Pàrtaidh Làbarach sgeama pìolait RET nan Eilean Siar a dhèanamh maireannach ma bhuannaicheas iad Taghadh Pàrlamaid na h-Alba.

Thug ceannard a' phàrtaidh aig Holyrood, Iain Gray, an gealltanas seachad agus e a' tadhail air Leòdhas Diluain.

Ach chuir BPA Nàiseantach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, teagamh anns a' ghealltanas, agus e ag ràdh gun do chuir na Làbaraich an aghaidh an sgeama roimhe.

Tha an sgeama, a tha a' ruith air aiseagan eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr, a' toirt lùghdachaidh mhòir air na tha e a' cosg carbad a thoirt tarsainn a' Chuain Sgìth.

"Tha RET gu bhith air a stèidheachadh ann an seo airson nam bliadhnaichean air thoiseach ma thig Riaghaltas Làbarach a-steach anns a' Chèitean," thuirt Tagraiche nan Làbarach sna h-Eileanan Siar, Dòmhnall Crichton.

"'S e naidheachd mhìorbhailleach a tha seo, dhan eaconamaidh gu h-ionadail.

"Tha e cudromach a thaobh obraichean, agus bheir e teansa a-nise dha gnìomhachas na turasachd agus dhan Chomhairle is dha buidhnean eile tighinn ri chèile agus plana a chur air chois, airson togail air seo, 's feuchainn ri obraichean a chruthachadh an luib na naidheachd mhath a thàinig an-diugh," thuirt e.

Tha Alasdair Allan BPA ge-tà, ag ràdh nach bi ùidh aig bhòtairean nan Eilean Siar ann am facail ge-tà.

"Bidh ùidh aca anns a' cheist, cò a rinn rudeigin mu dheidhinn RET?" thuirt e.

"Bha am pàrtaidh aig Iain Gray anns an Riaghaltas airson ochd bliadhnaichean, agus dè rinn iad mu dheidhinn RET? Cha do rinn iad dad.

"Agus aig an Taghadh mu dheireadh, bha am pàrtaidh aige ag argamaid an aghaidh RET.

"Am pàrtiadh agamsa, an SNP, 's e a' chiad rud a rinn sinn cha-mhòr, RET a chur air bhog, agus bidh cuimhne aig daoine air sin," thuirt e.

Chuir an Riaghaltas Làbarach sgeama lùghdachaidh an sàs air faraidhean adhair chun nan Eilean Siar, rud ris a bheil Mgr Allan a' toirt taic.

Ach tha e cuideachd ag ràdh gum bi e fhèin ag argamaid airson 's gun dèanar rud maireannach den RET aig àm an Taghaidh sa Chèitean.

"Am poileasaidh aig a' phàrtaidh, 's e sin gum bi sgeama pìolait a' ruith, agus gum bi fianais a' tighinn a-mach às an sgeama phìolait seo, agus nuair a nochdas an fhianais sin, gum biodh co-dhùnadh ann.

"Ach gun teagamh sam bith, nam bheachdsa, tha a' h-uile fianais ann gun do rinn RET rudeigin cho math airson nan Eilean 's gum bi RET a' leantainn as dèidh an Taghaidh seo," thuirt e.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy