BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 07 An Gearran, 2011 - Air fhoillseachadh aig 10:31 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Clann is Pàrantan a' togail fianais am Port Rìgh
 
Sgoilear is Tidsear
Falbhaidh suas ri 300 luchd-taic clas am bliadhna
Bheir pàrantan bho cheann a tuath an Eilein Sgitheanaich an cuid chloinne às an sgoil feasgar Diluain airson fianais a thogail an aghaidh ghearradh an luchd-taic clas.

Cruinnichidh iad air beulaibh Taigh na Sgìre ann am Port Rìgh, agus iad feargach gun toir an gearradh droch bhuaidh air foghlam na cloinne.

Bidh coinneamh aig comhailichean an Eilein Sgitheanaich ann am Port Rìgh aig 2:00f.

Tha dragh gu h-àraid mun bhuaidh a bheir na gearraidhean air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus pàrantan is eòlaichean a' cumail a-mach gum feum a' chlann barrachd ùine còmhla ri tidsearan airson bogadh ceart fhaighinn anns a' chànan.

Thèid na pàrantan is a' chlann gu Inbhir Nis Diardaoin gus fianais a thogail taobh a-muigh oifisean na Comhairle agus buill a' deasbad nan gearraidhean.

"'S e a' chiad rud a bha sinn a' gearain mu dheidhinn, gu bheil iad a' bruidhinn mu dheidhinn an luchd-taic clas," thuirt tè de na pàrantan, Anna Mhàrtainn.

"Gu bheil iad uile a' falbh aig àm toiseach an ath-sheusain anns na Lùnastal.

"Tha fhios agam, 's dòcha ann am bailtean mòra agus ann an àiteachan eile, nach eil an aon sheòrsa buaidh a' tighinn air na daoine, ach ann an sgoiltean mar Chille Mhoire far a bheil aonad Gàidhlig, agus clann eadar Clas 1 gu 7, tha an luchd-taic uabhasach feumail ann an saoghal na Gàidhlig.

"Ach cuideachd ann an sgoiltean beaga tha sinn gann de thidsearan speisealta cuideachd.

"Chaill sinn an tè a bha a' tighinn a-steach a dhèanamh P.E. Chaill sinn am fear a bha a' tighinn a-steach a dhèanamh Ealain. Cha robh tidsear a' dol a-steach a dhèanamh Ciùil nas motha.

"Tha uallach mòr mòr air an luchd-teagaisg anns na sgoiltean beaga," thuirt i.

Tha suas ri 300 dreuchd luchd-taic clas gus falbh air Ghàidhealtachd.

Tha seo mar phàirt de ghearraidhean farsainn a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur an sàs, agus feum aca air na milleanan notaichean a chùmhnadh.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Dragh mu ghearadh tidseir an sgoil Stafainn
04 An Gearran, 2011 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy