BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 04 Am Faoilleach, 2011 - Air fhoillseachadh aig 11:52 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
£1.8m do Stòras Uibhist son leasachadh Loch Baghasdail
 
Loch Baghasdail
Bheireadh an leasachadh cruth-atharrachadh air a' bhaile
Thug Riaghaltas na h-Alba £1.8m de dh'airgead Eòrpach don chompanaidh choimhearsnachd Stòras Uibhist, mu choinneimh an leasachaidh mhòir a tha san amharc air baile agus cala Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas.

'S ann mu choinneimh a' chiad phìos den obair leasachaidh a tha am maoineachadh.

Thèid a chosg air cabhsair a cheangaileas Rubha Bhuailte ann an Loch Baghasdail ri Eilean Ghàsaigh, far am bi an cidhe ùr a tha Stòras Uibhist an dùil a thogail.

Thathas a' sùileachadh gun cosg an obair air fad còrr is £9m, agus e a' gabhail a-steach thaighean agus goireasan do bhàtaichean iasgaich is eile.

Tha airgead a dhìth fhathast airson an sgeama, le HIE air £5m a thoirt seachad, agus Comhairle nan Eilean Siar air còrr is £600,000 a ghealltainn.

Leis an £1.8m air a chur ris, tha an t-suim sin a-nis air tighinn gu beagan is £7m.

Tha Stòras Uibhist air a ràdh roimhe ge-tà gu bheil làn-dùil aca an còrr den airgead a lorg.

Tha dùil gun tòisich a' chiad phàirt den obair air a' bhliadhna seo fhèin, leis an t-earrann sin deiseil ann an 2012.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy