BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 27 An Dùbhlachd, 2010 - Air fhoillseachadh aig 16:36 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
A' caoidh Sir Iain Noble
 
Sir Iain Noble
Bha Sir Iain Noble 75 nuair a dh'eug e Disathairne
Dh'eug sàr fhear-taic na Gàidhlig, Sir Iain Noble, na dhachaidh ann an Slèite san Eilean Sgiathanach air Là na Nollaige.

Bha Sir Iain 75 bliadhna a' dh'aois 's cha robh e air a bhith cumail gu math son treis.

Rugadh e ann am Berlin ann an 1935 dha teaghlach a bha sàs ann an obair dioplòmasach agus bancaireachd.

Chaidh oideachadh ann an Eton agus Oilthigh Oxford agus stèidhich e fhèin agus Sir Aonghas Grossart am banca Noble Grossart.

Gàidhlig

Bha e gu mòr an sàs ann a bhith a' strì airson còraichean na Gàidhlig 's e fhèin air an cànan ionnsachadh.

Reic e am banca nuair a bha e còrr is 30 bliadhna a dh'aois, agus cheannaich e Fearann Eilean Iarmain ann an Slèite.

Bha riaghailt aige gum feumadh Gàidhlig a bhith aig luchd-obrach a bha an lùib na h-oighreachd, an taigh-òsta neo na gnìomhachasan beaga a chur e air dòigh.

Agus ged a bha cuid a' smaointinn gun robh seo caran seann-fhasanta, phiobraich e mòran ann a bhith cleachdadh a' chànain ann an dòigh nàdarra gu làitheil.

Bha e an lùib na buidhne a chur air bhog Sabhal Mòr Ostaig - colaiste Ghàidhlig a tha air na ceudan a bhrosnachadhan gus an cànan a bhruidhinn.

Drochaid

Bha Sir Iain na chathraiche air Companaidh Drochaid an Eilein Sgitheanaich - a bha togail chìsean air drochaid an eilein - rud a bha na fhìor chonnspaid dha na h-eileanaich.

Bha Sir Iain cuideachd an sàs ann an oidhrip soidhneachan Gàidhlig fhaighinn ri taobh nan raithdean agus 's e a' chiad duine a chleachd seic banca ann an Gàidhlig 's e air aonta fhaighinn le Banca na h-Alba son a leithid.

Tha Sir Iain a' fàgail bean - Lucilla.

 
 
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy