BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 19 An t-Samhain, 2010 - Air fhoillseachadh aig 20:59 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Bidh laoidhean agus ionnstramaidean san Eaglais Shaoir
 
Eaglais Shaor Steòrnabhaigh
Cha robh àrd-sheanadh sònraichte ann bho 1843
Tha laoidhean agus ionnstramaidean ciùil air an ceadachadh a-nis anns an Eaglais Shaoir is àrd-sheanadh sònraichte an Dùn Èideann air bhòtadh 98 gu 84 airson atharrachadh.

B' e sailm a-mhàin a bha ceadaichte chun an seo.

Bidh e an urra ri gach coithional co-dhùnadh a bheil iad airson na dòighean adhraidh ùra a chleachdadh, agus chaidh a ràdh nach tèid an sparradh air daoine.

Chaidh àrd-sheanadh sònraichte a ghairm aig an robh riochdairean bhon a h-uile coithional dhan eaglais gus a' cheist a dheasbad.

B' e a' chiad chruinneachadh dha sheòrsa ann an còrr is ceud gu leth bliadhna.

 
 
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy