03 An t-Sultain, 2010 - Air fhoillseachadh aig 11:07 BST
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh dleastanasan Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) agus an t-airgead a chleachd iad a bhith a' cur ris na h-Eileanan a ghabhail thairis.
Thuirt iad gu bheil airgead HIE a-nis ga chosg timcheall Inbhir Nis, agus tha iad ag ràdh gum bu chòir àrd-oifisean na buidhne a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas ma tha iad gu bhith buan.
Tha a' Chomhairle air a bhith mì-thoilichte leis an £25m a tha HIE air cur mu choinneimh leasachadh a' champais ùir ann an Inbhir Nis.
"'S e am faireachdainn a bh' aig buill na comataidh, gum biodh na seirbheisean a thathas an-diugh a' lìbhrigeadh tro HIE, na b'fheàrr a lìbhrigeadh tro na comhairlean ionadail," thuirt Iar-Chathraiche Comataidh Poileasaidh is Stòrais na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.
Taic do Ghìomhachasan
"Tha ionmhas HIE air a bhith air a ghearradh aig ìre an ìre mhath 50% thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad.
"Tha buaidh mhòr gu bhith aig sin air dè cho comasach 's a tha e gu bhith a bhith a' lìbhrigeadh sheirbheisean san aon dòigh 's an deach san àm a chaidh seachad.
"Tha faireachdainn ann aig ìre ionadail ann an seo, chan ann a-mhàin taobh a-staigh na Comhairle ach am measg ghnìomhachasan sna h-Eileanan, gu bheil tòrr den ionmhas a th' aig HIE fiù 's an-dràsta fhèin, mar a tha iad a' cuimseachadh air pròiseactan agus gnìomhachasan, a' chuid mhòr de sin 's ann a' dol mu thimcheall Inbhir Nis a tha e.
"Tha sinne mar chomhairle air a bhith ag ràdh bho chionn iomadh bliadhna, ma tha aon sgìre anns a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan nach eil feumach air taic-airgid airson gnìomhachasan a thoirt air adhart, 's ann mu thimcheall Inbhir Nis," thuirt e.
Tha HIE ag ràdh gu bheil an dàimh eachdraidheil a bh' aca ris na h-Eileanan cho làidir 's a bha e riamh.
Thuirt iad gu bheil iad, a rèir àireimh an t-sluaigh, a' cur barrachd airgid an sàs anns na h-Eileanan Siar na tha ann an Inbhir Nis.
Thug a' bhuidheann cuideachd iomradh air na pròiseactan mòra sa bheil iad an sàs anns na h-Eileanan, leithid Gàrradh Àranais agus taigh-staile ùr Abhainn Dearg ann an sgìre Ùige.