http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

03 An t-Sultain, 2010 - Air fhoillseachadh aig 14:27 BST

Sgrùdadh mionaideach son cùraim san dachaigh

Bidh aig daoine ri feitheamh nas fhaide bho seo a-mach airson cùram san dachaigh fhaighinn sna h-Eileanan Siar, 's a' Chomhairle a' feuchainn ri airgead a chùmhnadh.

Tha cosgaisean cùraim san dachaigh fada os cionn buidseat na Comhairle airson na seirbheis.

Nì a' Chomhairle measadh nas mionaidiche bho seo a-mach air daoine mus faigh iad an t-seirbheis.

"Tha na h-oifigich a' moladh dhuinn a-nise gum bu chòir dhuinn coimhead ri a bheil diofar dhòigh ann 's math thèid air an t-seirbheis a lìbhrigeadh son dèanamh cinnteach gu bheil an fheadhainn a tha dha-rìribh feumach oirre, a' faighinn a' chuideachaidh a tha a dhìth orra," thuirt an Comh. Agnes Rennie.

"Feadhainn a nì a' chùis 's math thèid airson greiseig, gun cuideachadh eile a' tighinn a-steach dhan dachaigh, gun tèid iad air liosta.

"'S dòcha gur e sin feadhainn a bhios anns an ospadal, 's dòcha gur iad feadhainn fiù 's a tha nan dachaigh fhèin, agus gum feum iad a bhith an urra ri cuideachadh bho fheadhainn eile san teaghlach.

"Tha sinn air aithisg iarraidh a chumas sùil gheur air sin, agus tha sinn ag iarraidh gun tèid measadh a dhèanamh anns a' chiad dhà no trì mhìosan airson dèanamh cinnteach dìreach dè a' bhuaidh a th' aige san dòigh sin," thuirt i.