|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Comhairle gus £17m a bharrachd a ghearradh
|
||||||||||||||||||||||
Thàinig rabhadh gu bheil gearraidhean ann an seirbheisean air a' Ghàidhealtachd gu bhith tòrr nas miosa na bha dùil.
Chuir a' Chomhairle romhpa mar thà £60m a ghearradh thairis air an ath thrì bliadhna. Ach tha coltas a-nis ann gum bi e nas fhaisge air £80m. Tha a' Chomhairle mar thà air £6m a bharrachd na bha dùil a chomharrachadh, agus chuala iad Diardaoin an t-seachdain seo gum feumar £11m eile a lorg a bharrachd air sin. Ath-sgrùdadh 'S ann ri linn cho luath 's a tha Riaghaltas na Co-bhanntachd ann an Westminster a' gearradh fiachan na dùthcha, a tha cùisean a' fàs nas teanna, a rèir a' Chomh. Lib-Deamaich, Ailig Greumach. "Tha seo ag èirigh a-mach à buidseat a chaidh troimhe ann an Lunnainn san Ògmhios, a tha a' ciallachadh gu bheil airgead na h-Alba a' dol a bhith air a ghearradh nas motha na bha dùil ron a sin," thuirt e. "Tha buaidh aig sin air Alba air fad agus na Comhairlean gu h-àraid. "Tha sin a' ciallachadh gu bheil £11m a bharrachd againn ri lorg na bha dùil. "Tha iad a-nis an dèidh iarraidh air na roinnean am broinn na Comhairle coimhead airson sàbhalaidhean a-rithist, agus barrachd a shàbhaladh na chaidh iarraidh orra ron a seo," thuirt e. Tha Mgr Greumach an dùil gum faicear gearraidhean air seirbheisean a tha a' Chomhairle a' toirt seachad cuideachd, le cho mòr 's a tha an t-suim a dh'fheumas iad lorg. Tha dùil gum faighear a-mach fiosrachadh cinnteach mu na dh'fheumas a' Chomhairle a lorg san Dàmhair, nuair a dh'fhoillsicheas Riaghaltas Westminster torraidhean an Ath-sgrùdaidh Iomlain air Cosg. "As dèidh sin bheir e dhà no trì sheachdainnean a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba, agus as dèidh sin, tha mi a' creidsinn san t-Samhainn, bidh fios aig na Comhairlean dè an t-airgead a bhios aca sna bliadhnaichean ri teachd," thuirt e. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||