BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 23 Am Màrt, 2010 - Air fhoillseachadh aig 12:02 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Dàil air co-dhùnadh mu BhBC Alba
 
BBC Alba
Chàidh BBC Alba air an aidhear ann an 2008
Chan eil Urras a' BhBC air co-dhùnadh sam bith a dhèanamh fhathast mu co-dhiù bu chòir sianal didsiatach na Gàidhlig, BBC Alba, a chur air Freeview.

Chaidh co-chomhairleachadh poblach a chumail leis an Urras feuch am b'fhiach an sianal, a thòisich san t-Sultain 2008, a chur air Freeview.

Bha dùil ri co-dhùnadh bhuaipe Dimàirt, ach thuirt an t-Urras ann am brath-naidheachd gu feum iad barrachd fiosrachaidh mu na seirbhisean a bu chòir a bhith ri fhaotainn aig a h-uile duine an Alba, mus gabhadh a ràdh co-dhiù bu chòir BBC Alba a bhith nam measg.

Am measg nan roghainnean air an robhas a' coimhead airson an sianal a sgaoileadh nas fharsainge, bha a chur an àite sheirbheisean rèidio a' BhBC a tha an-dràsta ri fhaighinn tro Freeview.

Ro-Innleachd a' BhBC

Tha rannsachadh mionaideach ga dhèanamh an-dràsta air seirbheisean a' BhBC san fharsaingeachd.

An luib sin, tha ceistean mu dè dìreach na seirbheisean a tha còir aig a' chraoladair a bhith a' tabhainn dhan a h-uile duine, 's tha an t-Urras iad fhèin a' beachdachadh air a sin an-dràsta.

Thuirt iad gun tèid an clàr-ama airson a bhith a' beachdachadh air suidheachadh BhBC Alba a thoirt an luib na h-obrach sin, agus dùil ri co-dhùnadh uaireigin as t-fhoghar.

Tha na planaichean sin fhèin fo cho-chomhairleachadh poblach an-dràsta, 's nam measg tha molaidhean cur às do Radio 6 Music agus Lionra Àisianach a' BhBC.

Dh'adhbhraich na molaidhean sin connspaid mhòr, agus tha iomairt air tòiseachadh feuch na seirbheisean a shàbhaladh.

MG Alba

Tha BBC Alba ao-coltach ri seirbheis sam bith eile anns an robh am BBC an-sàs a-riamh, leis gu bheil e air a ruith mar cho-bhanntachd le MG Alba.

“Tha an naidheachd seo na bhriseadh dùil, oir bha sinn an dòchas gum biodh e an comas Urras a’ BhBC cead a thoirt seachad airson Freeview an-dràsta," thuirt Cathraiche na buidhne sin, Alasdair Moireasdan.

"Thathas ag aithneachadh gu bheil an sianal air a bhith soirbheachail, agus cha robh buaidh aig seo air a’ cho-dhùnadh an-diugh.

"Feumar coimhead air a’ bhuaidh air seirbheisean eile, leithid stèiseanan rèidio, ann an co-theacsa ceart.

"Cha toir Freeview airson BBC Alba buaidh mhòr air rèidio, oir bidh na stèiseanan seo fhathast rim faighinn air rèidio agus air-loidhne,” thuirt e.

 
 
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy