BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 11 Am Màrt, 2010 - Air fhoillseachadh aig 15:29 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Monopoly na Gàidhealtachd
 
Suaicheantas Mhonopoly
Dùnaidh bhòtaichean air 2mh Ghiblean
Gheibh Gàidheil cothrom bhòtaidh air na sgìrean a bu chòir a chleachdadh air a' gheama-bhùird 'Monopoly' a tha a' cur dreach Ghàidhealaich air a' gheama.

Bidh daoine eòlach air Mayfair is Picadilly, ach dh'fhaodadh Niseag prìomh àite fhaighinn air a' bhòrd còmhla ri Caisteal Eilein Donnain, no Beinn Nibheis.

Thèid còrr is 30 àitichean bho air feadh na Gàidhealtachd a thaghadh le blas na sgìre air a' bhòrd.

Dh'fhaodadh gun teid Gàidhlig a chleachadh air feadhainn dheth na àitichean.

Thuirt Pròbhast Bhaile Inbhir Nis, Jimmy Gray, gur e deagh rud a tha seo dhan bhaile a bhios a' tàladh luchd-turais.

Thèid bhòtadh air adhart gu Dihaoine an dàrna là dhen Ghiblean 's fosgailte do dhuine sam bith air monopoly@winningmoves.co.uk agus tha dùil gum bi an geama fhèin anns an bùithdean san Dàmhair.

 
 
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy