BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 11 Am Màrt, 2010 - Air fhoillseachadh aig 11:54 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Sionnach ann a Tolastadh
 
Sionnach òg
Chan eil dearbhadh gu bheil barrachd na aon sionnach ann.
Tha iomagain air croitearan ann an Tolastadh bho Thuath ann an Leòdhas, as dèidh do dhithis a ràdh gum fac iad sionnach air iomall a' bhaile.

Chan eil sionnaich air a bhith as na h-Eileanan an Iar bho chionn linntean, ma bha a-riamh, ach tha dragh ann gun dean e call air eoin, cearcan agus gu h-araid uain, agus àm breith a' toiseachadh a dh'aithghearr.

Chunnaic aon duine sionnach aig a' Ghleann 's coltas gur e beathach òg a bh'ann 's chunnaic neach eile beathach anns a Ghleann Mhòr 's tha faisg air coig mìle eadar an dà sgìre.

Cha b'urrain a dhearbhadh an e an aon bheathach a bh'ann, ach tha daoine a' gabhail uallach gun teid milleadh mòr a dhèanamh ma tha cuileanan ùra a nochdadh.

Dualchas

Chuir clàrc a' bhaile fios gu Dualchas Nàdair na h-Alba, feuch de ghabhas a dhèanamh.

Thuirt fear de mhuinntir Tholastaidh, Dòmhnall Moireach, gu bheil beachd làidir ann gur e sionnach dha-riribh a chaidh fhaicinn.

Tha sgeamaichean airson fhaighinn cuidhteas minc agus gràineagan - beathaichean eile nach eil na phàirt do dhualchais nan eilean - air a bhith dol son ùine mhòr anns h-eileanan agus air a bhith gu math soirbheachail.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy